Lugo
O Uicipeid
Lugo
|
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 43° 01' Tuath 07° 33' Ear |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 332 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 97,635 (2010) | ||||
| Dlùths | 294.08/km² | ||||
| Àireamh fòn | + 34 982 | ||||
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil | ||||
‘S e baile mòr air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann Lugo. ‘S ann às an Laideann Lucus Augusti a th’ann an t-ainm, is bha am baile a stèidheachadh mu 25 Ro Chrìosd.[1] ‘S docha gun do steidhich na Ròmanaich an t-ainm aca air an t-seann ainm Lugh, Dia Ceilteach. Tha Lugo suidhichte shuas air còmhnard àrd,[2] aig 370m os cionn ìre na mara,[3] ri taobh na h-aibhne Miño.[4] Tha Lugo 492km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 81km bho Santiago de Compostela, prìomh-bhaile na Gàilise.[5] Tha 97,635 daoine a’ fuireach ann an Lugo,[6] an 4mh baile as motha anns a' Ghàilis agus an 66mh baile na Spàinne.[7] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Lugo a th’ann Lugo cuideachd.
[deasaich] Bailtean Co-cheangailte
Viana do Castelo, A' Phortagail
Qinhuangdao, Sìona
Dinan, An Fhraing
[deasaich] Iomraidhean
- ↑ Cervantes Virtual
- ↑ Gruop Teresa
- ↑ Mongabay
- ↑ Lugo Virtual
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Bailtean na Cruinne