Loch a' Mhuillidh

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°24′05″N 4°52′23″W / 57.40146°N 4.872988°W / 57.40146; -4.872988

Loch a' Mhuillidh
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch a' Mhuillidh
Suidheachadh Loch a' Mhuillidh air a' Ghàidhealtachd

'S e loch beag ann an Alba a tha ann an Loch a' Mhuillidh; ainmean eile: Loch a' Mhuilinn is Loch Moilie.[1] Tha e suidhichte ann an Gleann Srath Farair ann an Siorrachd Inbhir Nis mu mhìle san àird an iar air Loch Beannacharan agus mu 5 mìle san àird an ear air Loch Monar. Tha coille an Carnach ag èirigh suas le bruthach cas air cladach a tuath.

Tha an loch mu mìle (1,6 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na 587 slat (537 m) aig an àite as leathainne. Tha Loch a' Mhuillidh cho mòr ri 100 acair (0,4 km²) agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith 37,75 mìle ceàrnagach (98 km²). Tha an doimhneachd aige 94 troigh (29 m) aig an àite as doimhne.[2] Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach às an loch don Abhainn Farrar.

Tha Loch a' Mhuillidh suidhichte ann an sreath lochan Gleann Srath Farair. Tha uisge Loch Calavie, Loch an Tachdaidh, a' Ghead Loch agus Loch Monar a' sruthadh a-steach dhan loch seo.

Tha eilean mòr, "Eilean a' Mhuillidh", suidhichte anns an loch faisg air ceann an ear. Tha dà eilean bheag aig ceann an iar faisg air inbhir àmhainn Farair.

Canar gu bheil an t-ainm a' dol air ais don 11mh Lord Lovat "Simon the Fox" air sgàth 's gun robh esan 'na fhalach ann an Eilean a' Mhuillidh an dèidh Blàr Chùil Lodair.[3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Beauly Basin", td 347, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
  2. Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Beauly Basin", td 348, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
  3. Loch a' Mhuillidh aig Gazetteer for Scotland

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]