Loch Tahoe

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Loch Tahoe
Loch Tahoe sa gheamhradh

'S e Loch Tahoe loch mòr fìor-uisge anns a' mhonadh Sierra Nevada air a' chrìoch eadar California agus Nevada anns na Stàitean Aonaichte.

'S e an loch ailpeach as motha ann an Ameireaga a Tuath agus an dara loch as doimhne sna SA. 'S e Tahoe a chanar cuideachd ris an fhairseangachd mun cuairt air an loch.

Tha Tahoe ainmeil airson bòichead nam beann mun cuairt air an loch, agus tha e na cheann-uidhe chudromach do luchd-turais, gu h-àraid taing a sgìtheachadh anns a' gheamhradh. Cuideachd, air a' chliathach Nevada gheibhear cèarrachas ann an ionadan-cèarrachais mòr.

O thùs, 's e an treubh Washoe a dh'fhuirich anns an àrainn, agus tha cuid de na h-ainmean anns an fharsaingeachd a' tighinn bho' n chànan aca, a' gabhail a-steach Tahoe fhèin, a thàinig bho' n Washoe Da-ow-a-ga, a tha a' ciallachadh oir an loch. [1]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Eachdraidh Loch Tahoe
Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: