Loch Dochard

O Uicipeid

Co-chomharran: 56°23′52″N 4°35′05″W / 56.397751°N 4.584805°W / 56.397751; -4.584805

Loch Dochard
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Dochard
Suidheachadh Loch Dochard air a' Ghàidhealtachd

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Dochard. Tha e suidhichte aig cois a' Bheinn Mhòr (Ben More) anns an t-Siorrachd Pheairt is Cheann Rois. Tha an rathad A84 eadar a' Chrìon Làraich agus Ard Choille a' dol seachad air bruach an locha.

Tha an loch mu 2/3 mìle (1 km) a dh'fhad agus tha an leud aige mu 281 slat (257 m) aig an àite as leathainne. San fharsaingeachd tha e mu 176 slat (161 m) a leud. Tha Loch Dochard cho mòr ri 46 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri nas motha na 39 mhìle ceàrnagach (101 km²). 'S e 5 troigh (1.5 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 11 troigh (3.3 m) aig an àite as doimhne.[1] Tha bàrr uisge an locha mu 513 troigh (156 meatair) os cionn na mara.

Thèid an loch a lìonadh bhon iar le Abhainn Fillan agus sruthaidh an t-uisge a-mach à Loch Dochard chun an ear-thuath gu Loch Iubhair.

Tha cuid eileanan ann an Loch Dochard. Tha eilean beag ann am meadhan an locha a tha mu 18 troigh a dh'àird far a bheil làimhrig airson bàtaichean aig ceann an ear an eilein. Tha tobhtaichean seann chaisteal ann a chaidh a thogail eadar 1583 agus 1631 le Sir Duncan Campbell. Chaidh a losgadh ann an 1648. [2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 74-75, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
  2. Loch Dochart Castle”. http://canmore.rcahms.gov.uk/. Coimisean Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil an Alba. Air a thogail 3s dhen t-Sultain 2014.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]