Llanfairfechan

O Uicipeid
Llanfairfechan

'S e baile ann am Bwrdeistref Sirol Conwy, a' Chuimrigh a tha ann an Llanfairfechan. Ann an 2001 bha 3755 duine a' fuireach an seo. .[1] Tha e suidhichte air a' chosta aig ceann a tuath na Cuimrigh eadar Penmaenmawr agus Bangor.

A-rèir an cunntas-sluaigh ann an 2001 bha Cuimris aig 50.4% de mhuinntir a' bhaile. Tha an àireamh seo os cionn a' chuibheis nàiseanta a tha aig 20.8%. Tha na ceudan as àirde a-measg nan daoine òga eadar 10 is 14 bliadhna a dh'aois. Tha 70% dhiubh fileanta sa Chuimris. Tha dà sgoil ann le foghlam tro mheadhan na Cuimris, Ysgol Babanod Llanfairfechan agus Ysgol Pant-Y-Rhedyn.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

  • Pleumeleuc

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Cunntas-sluaigh 2001 Llanfairfechan

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]