Lingua Franca Nova
O Uicipeid
| Lingua Franca Nova | ||
|---|---|---|
| Luchd-labhairt iomlan |
>100 |
|
| ISO 639-3 | lfn | |
Is e Lingua Franca Nova (giorrachadh: LFN) cànan innealta a tha air a chruthachadh leis an Dr C George Boeree à Oilthigh Shippensburg, Pennsylvania. Tha a bhriathrachas suidhichte air cànanan Ròmanach - Fraingis, Eadailtis, Portagailis, Spàinntis, agus Catalanais. Chaidh a ghràmair a dhèanamh na bu shìmplidh gu mòr agus tha e coltach ri cànanan Creole Ròmanach. Tha litreachadh fòineimeach aige a tha a' cleachdadh 22 litir bhon aibidil Ròmanach agus Cirillach.