‘S e baile ann an cridhe nan Stàitean Aonaichte a th’ ann an Lafayette (IPA: ˌlɑːfiːˈɛt). ‘S ann à Marie-Joseph Paul Yves Roch Gilbert du Motier, Marquis de La Fayette a tha an t-ainm, leis gu robh esan na ghasgach ri linn Ar-a-mach nan Aimearaganach aig deireadh an 18mh Linn. Tha e suidhichte aig 192m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-Aibhne Wabash, eadar West Lafayette agus Dayton, anns an stàit Indiana, air iomall Frankfort. Tha am baile 858km air falbh bho Washington, D.C. (Prìomh-bhaile na dùthcha), 2,849km bho Los Angeles, 1,335km bho Bhoston agus 347km bho St. Louis.[2] Tha 67,140 duine a’ fuireach anns a’ bhaile agus port-adhair beag ann cuideachd.[3] Chaidh Lafayette a chur air bhog ann an 1825 is chaidh e ghairm na bhaile aig ìre oifigeil ann an 1853. Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1869.[4] Chaochail an Ceimeagair Herbert C. Brown an seo ann an 2004.
[deasaich] Daoine ainmeil
[deasaich] Bailtean Co-cheangailte
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Airnav
- ↑ Purdue
- ↑ SisterCities
[deasaich] Ceanglaichean a-mach