La Llorona

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

A-rèir ri beul-aithris, tha La Llorona (IPA: /la joˈɾona/ - "là-eò-RÒ-nà" ('San Argentina:IPA: /la ʒoˈɾona/ - "là-deò-RÒ-nà"), Spàinntis ris "A' Bhean Chaoineadh"), air uairibh air chantainn ris A' Bhean sa' Gheal no A' Bhean Chaoineadh 'na taibhse bhean a' caoineadh a clann marbh, a th' am nochaidhean air uairibh air chumail a mhanadh bàs. Th' ann mòran atharrachaidhean 'sna sgeulan air La Llorona, a tha còrdte sa' Mheagsago, Na Stàitean Aonaichte (gu h-àraidh 'sna comannan mòra nam Meagsaganach-Aimearaganach), agus ri farsaingeachd an còrr nan Aimearagan.


An sgeul[deasaich | edit source]

Tha mòran atharrachaidhean beò air a' bhun La Llorona. Bheir roinn dhiubh dealbh air rìbhinn àlainn sa' Mheagsago no Meagsago-Nuadh, a phòs no gun robh air mhealladh le fear dùthchail, a rug i iomadaidh daoine-cloinne leis. Tha ' bhean air uairibh air thoirt ainm-baistidh; th' air uairibh Sofia, Laura, Linda, agus María air chleachadh. Fàgaidh an fear i, air uairibh ri bean eile, air uairibh ri adhbharan na h-oibre, 's air uairibh a-mhàin a bhith air falbh à La Llorona 's a clann. Co-dhiù, roghnaichidh La Llorona a mharbhadh a clann, gu ìre daonnan le bàthadh, an dàrna cuid gan sàbhaladh bho beatha na bochdainne, ga saoradh fhèin a lorgadh fear eile, no air dìoghaltas an aghaidh an athair às an làthair/air chall.

Atharraichidh na sgeulan gu mòr air na h-iomadaidh adhbharan gum beir iad ris a' mhàthair is an t-athair dham mharbhadh. Th' an innse còrdte ann an Las Cruces, Meagsago-Nuadh ag ràdh a bhàth "La Llorona" a clann 'san Rio Grande nuair cha b'urrainn dhi iad taic riutha toirt. Air oidhcheannan le làn-ghealach, their an sgeul, bidh La Llorona air chluinntinn dlùth dhan abhainn, a' caoineadh.

'San Texas mu dheas, ge-tà, th'an sgeul air La Llorona 'na sgeul gruagach àlainn a tharraing an aire a' mhic fhear beairteach ged 's i fhèin glè-bhochd. Phòs na leannanan gun fhiosda agus chuir taigheadas suas; bheir iad iomadaidh daoine-cloinne. Gu truagh, thàinig là nuair chuir an t-athair an òganaich an cèill a chuir e air dealbh pòsadh air a mhac ri bean òig 'nam buidheann (ann an roinn nan aithrisean, bha La Llorona 'na gruagach Aimearagach-Dùthchasach na tuatha agus dh'fhàg a fear i ri bean-uasal Spàinneach). Thuirt an t-òganach gun robh aige ri ga fàgail 's cha chitheadh e i a-rithist. Chaill i a ciall le fearg agus a cridhe briste, agus ghabh i a clann do abhainn far a bhàth i iad a chur gamhlas air a fear. Nuair lorg a fear a-mach, chaidh e 's iomadaidh nan luchd-dùthcha ga lorgadh, ach mharbh i fhèin mus ghlacadh iad i. Chaidh i dhan Nèamh 's chuir i aghaidh ris a' bhràth . Dh'fhaighnich Dia i, "Càit' a bheil do chlann?" a dh'fhreagair i ris, "Chan eil fios agam." Dh'fhaighnich Dia i trì uair 's dh'fhreagair i leis an fhreagairt cheudna. An uair sin, mhallaich Dia i a choiseachd air an Talamh a rannsachadh a clann. A-rèir ris an sgeul seo, 's e glic a sheachnach La Llorona, seach tha i àitheanta ri bhàthadh neach sam bith a' dol seachad a chur nì an àite a clann mharbh.

Fa seach, dìreach an dèidh bhàth i a clann, thuig La Llorona mar a bha i air a dhèanamh agus, claoidhte le bròn agus coire, ruith i ri taobh na h-aibhne a' feuchainn a lorgadh a clann, ach cha do lorg i iad a-riamh, agus bhàsaich no chaidh i à sealladh 'na rannsachadh dhiubh.

Ann an aithris eile, tha La Llorona 'na rìbhinn neo-chiontach co-èignichte 'steach do pòsadh-cabhaig leis an athair a pàisde; sa' chor seo, 's e an athair La Llorona no a cèile gum marbh na daoine-cloinne. Dh'fheuch La Llorona a chasgadh na marbhaidhean ach bhàsaich i 'na h-oidhirp.

Th' aithris eile an sgeil air La Llorona air ràdh sa' Mheagsago. A-rèir ris an innse seo, dh'fhuirich i 'san Tequila, Jalisco. Chaidh i a chluinntinn a rath, agus bha i air ràdh gun robh i a bhàsachadh, agus a clann cuideachd. Air an oidhche cheudna, fad am cadal, bhuail doineann mhòr am baile, a' dèanamh an abhainn a chur thairis a bhruach. Bh' an taigh air sguabadh air falbh leis an dìle, a' marbhadh gu lèir a clann. Chaidh La Llorona air turas a lorgadh a clann, a' leantainn an abhainn, ach bhàsaich i gun gam faicinn a-chaoidh a-rithist.

Ann am bitheanas, dh'fhàs La Llorona seòrsa de bean-shìdh. Coisichidh a spiorad iomluasgach thall thairis 'san oidhche, a' caoineadh "¡O hijos mios!" no "¡Ay mis hijos!" (O mo chlann!). Tha comharraichte ri bàs na luchd mì-shealbhach gu leòr ga cluinntinn no ga faicinn. Air uairibh tha lèineag gheal uimpe; aig uairean eile, le lèineag dhubh uimpe. Tha i a' caoineadh, agus ann an roinn nan sgeulan th' a sùilean 'nan lagan falamha. Sealgaidh an La Llorona na Meagsago-Nuadh 'san dèidh nan daoine-cloinne; their roinn gum bàth i iad 'san abhainn.

Faodaidh an sgeul atharrachadh bunaichte air an suidheachadh nan sgeulaichean. Mar eisimpleir, leis an sgeul air innseadh ann am baile an taoibh na mara gun abhainn faodaidh na daoine-cloinne 'san rod a bàthadh. Sa' California mu Dheas cathaireach tha na h-aibhneachan gu tric air lìnigeadh le cruadhtan air a bhith agus air thionndadh a-steach do amaran de casg-dìle, agus anns na barriothan dùthchail faodaidh La Llorona air thoirt dealbh air a bhith cho a' siubhal an làr nan amaran no na sràidean agus rathaidean mòra tharta.

Coltachaidhean ri ainmean ann an dualchasan eile[deasaich | edit source]

Dealbh a rinn Diego Muñoz Camargo anns an 16mh linn, a' sealltainn La Malinche agus Hernán Cortés

'S e an coltas as dìriche an sgeil La Llorona a th'ann Medea às a' Ghrèig, a bhàth a clann mar an ceudna an dèidh a dìobairt le Jason. 'S dòcha stiùir beul-aithris dùthchail nan Astaigean an seann-sgeul; 's e air ràdh a nochd bhan-dia Cihuacoatl no Coatlicue gu goirid ron ionnsaigh air Meagsago le Hernán Cortés, a' caoineadh a clann chaillte, fàisneachd an tuiteim na rìoghachd nan Astaigean.

Air uairibh, th' an fèineachd de La Malinche a chur air La Llorona, a' bhean Aimearaganach-Dùthchasach a dh'obraich cho an eadar-theangaiche Chortés agus (mar smaoinichidh roinn na muinntire) a thrèig Measgsago ris na conquistadoran Spàinneach. Ann an ùirsgeul air La Malinche, dh'fhàs i an rùnag Chortés agus rug i duine-cloinne (mur eil iomadaidh dhiubh) dha, a-mhàin a bhith air dìobairt nuair dh'fhàg e a phòsadh bean-uasal na Spàinne.

Bha màthraichean na Meagsago Tìrichte aig an iochd (no an dìth an iochd) nam Conquistadoran; bha na Spàinnich fo iongnadh leis a' mhaise nan daoine-cloinne Amereaganach-Dùthchasach 's tric a ghlacadh na Spàinnich daoine-cloinne dùthchasach a chunnaic iad cho brèagha gu h-àraidh agus dh'àraichadh iad cho am clann fhèin. Cha robh mòran de roghainn aig mòran mhàthraichean Amereaganach-Dùthchasach truagha ach a mharbhadh an daoine-cloinne fhèin a chasg na Spàinnich bho gam gabhail. B'urrainn do La Llorona 'na màthair dhen t-seòrs' a bhith gu furasta.

Mheudaich beul-aithris bhon Roinn Eòrpa nas leathainne dhan seann-sgeul cuideachd. Bha sgeulan nam mnathan-shìdh agus ban-spioradan eile a ghabh am caoineadh manadh a' bhàis an sgeul air a stiùireadh, agus thàth an ceangail La Llorona le linneachan agus aibhneachan ri chèile ri suirean-uisge mar na Nix, Lorelei, na Maighdeanan-mhara agus na Mealùisine. Tha làn le cur fo gheasaibh le mnàthan ann an lèineagan geala eòlas-taibhse Eòrpach, mnàthan a th' an spioradan iomluasgach a' rannsachadh dìoghaltas air eucoireigin a dh'fhulaing iad no a tha mallaichte ri beatha an eadar-sholais ath-fhuireach a' chùis thruagh am beathannan. Th'ann cuideachd ionnanachdan leis a' Mharbhadh nan Luchd-neo-chiontachd Bìoballach, a th' an Soisgeul Mhata a' samhlachadh ri "Raicheal a' caoineadh ri a clann, agus cha bhitheadh i air shocair."

Bha a' bhana-mhortair Susan Smith, a bhàth a clann ann an lochan South Carolina, samhlaichte ann an aithrisean-naidheachd ri La Llorona.

'San dualchas Malaysianach, th'ann seann-sgeul air taibhse bhean ann an fallaing gheal àitheanta ri Pontianak, a bhàsaich ann an tinneas-cloinne agus thill a chur luchd eile fo gheasaibh. Their seann-sgeulan a tha i a' rannsachadh dìoghaltas. Bidh sgeulan coltach air a' chreutair sin air lorgadh ann an roinn nan seann-sgeulan Indonesia.

Seallaibh cuideachd[deasaich | edit source]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]