Komi (sluagh)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Daoine dhen t-shluagh Komi

Tha an sluagh Komi a' buntainn ri teaghlach mhòr de shluaghan anns an Eòrpa air a bheil Ural-Altaiaich. Tha a' chuid as motha de na sluaghan Altaiach ag àiteachadh ann an Àisia. 'S e sluagh Uralach a th' anns na Komi, agus tha a' mhòr-chuid de na sluaghan Uralach ag àiteachadh anns an Eòrpa air taobh an iar nam beann Uralach.

Àiteachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Suidheachadh Poblachd nan Komi anns an Ruis

Tha a' chuid as motha de na Komi ag àiteachadh ann am Poblachd nan Komi, air an robh an Komi A.S.S.R (Poblachd Fhèin-riaghlach) roimhe ri linn an Aonaidh Sobhiat. Tha a' phoblachd seo na pàirt dhen Ruis. A-rèir cunntas-sluaigh 2002, tha 1,018,674 daoine nan còmhnaidh anns a' phoblachd seo, ach chan eil na Komi a' dèanamh ach mu 25.2% dhen t-sluaigh uile gu lèir aig 256,464 de dhaoine.

Tha na Ruiseanaich a' dèanamh mu 59.6% dhen t-sluagh san latha a th' ann, ged nach b' àbhaist dha bhith ach 13,731 (6.6%) dhiubh nan còmhnaidh ann an 1926; agus na Komi a' dèanamh mu 92.2% le 191,245 de dhaoine anns a' bhliadhna sin.

Tha na Komi rin dealachadh nan dà roinn - na Komi fhèin agus na Komi-Permeacaich. Chan eil eadar-dhealachadh eatorra (ach ann an dualchainnt), ach tha iad ag àiteachadh tìrean eadar-dhealaichte tro adhbharan eachdraidheil.

Creideamh agus Litreachas[deasaich | deasaich an tùs]

Bha na Komi air an iompachadh chun a' chreidimh Chrìosdail (ceart-chreidmheach) sa cheathramh linn deug, agus bha bìoball aca nan cànain fhèin cheana sa bhliadhna 1370. Tha litreachas mòr aca. Ron naoidheamh linn deug bha a' chuid as motha dheth na litreachas cràbhach. Ach bhon aimsir sin tha cogais nàiseanta air fàs làidir agus tha litreachas tàrmachail slàinteil aca a-nis, agus cuideachd eadar-theangachaidh nan cànain fhèin de oibrichean mòra ùghdarran ainmeil mar Burns, Heine, Puiscin, msa.

Bha na Komi a' creidsinn ann an spioradan a tha beò anns na coilltean, fon uisge, agus anns na taighean. Tha cuid dhiubh math agus cuid dhiubh olc. Tha an creideamh seo cumanta air feadh nan sluaghan finn-uigreach. Tha stòras de sgeulachdan agus de bhàrdachd aig na Komi; stòras nach eil duine air bith air faicinn nach eil na Khomi no na fhear-chànan.

Eachdraidh is Staid an t-Sluaigh[deasaich | deasaich an tùs]

Ged is e sluagh beag a tha anns na Komi, is eachdraidh fhada tha aca. Gus na bliadhnaichean 1950-1960 cha robh na Komi air tighinn gu h-iomlan fo smachd nan Ruiseanach a tha a' riaghladh na dùthcha aca bhon t-siathamh linn deug. Ach eadar 1950-1960, bhrùth Ruiseanaich nam meall a-steach dhan dùthaich aca agus a-nis, tha na Komi nam mion-shluagh nan dùthaich aca fhèin.

Anns na 1930an, bha 11 pàipearan-naidheach gam foillseachadh ann an cainnt nan Komi fhèin, agus eadhon anns na 1960an bha sin aca, a bharrachd air rèidio craobh-sgaoileadh nan cànain fhèin agus le sgoiltean a' foghlam nan cànain fhèin. Ach ann an 1994, cha robh ach 1 phàipear-naidheachd nàiseanta, agus 4 pàipearan-naidheachd sgìreil air am foillseachadh sa chànan Komi. Agus, chan eil a-nis ach leth-uair a thìde de chraoladh rèidio aca gach latha, agus mu uair a thìde san seachdain de phrògraman Komi air an telebhisean.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]