Klaas Hendrikse

O Uicipeid
Klaas Hendrikse
Beatha
Breith Groot-Ammers, 1947
Dùthaich  Rìoghachd nan Tìrean Ìsle
Bàs 26 dhen Ògmhios 2018
Dreuchd
Dreuchd ministear
Gluasad neo-dhiadhaireachd
Creideamh
Creideamh neo-dhiadhaireachd

B' e ministear Pròstanach is ball Eaglais Phròstanach nan Tìrean Ìsle (Am PKN) a bh’ ann an Klaas Hendrikse (Groot-Ammers, 1947 - Middelburg, 26 an t-Ògmhios, 2018). Bha e na mhinistear ann am Middelburg is Zierikzee, anns an sgìre Zeeland. ’S e 'Am Ministear Neo-dhiadhaire' am far-ainm a tha air.[1]

Beatha agus Connspaid[deasaich | deasaich an tùs]

Thogadh Hendrikse ann an teaghlach gun chreideamhan ann an Alblasserwaard. B' e lighiche bheathaichean a bh' ann athair. Bha Hendrikse na sgoilear ann an Gorinchem bho 1961 gu ruige 1966. An uair sin chaidh e dhan Nyenrode Business Universiteit (19681970) is mu dheireadh thall san Oilthigh Michigan State (19711972). Bho 1972 gu ruige 1983 bha dreuchd aige leis a’ chompanaidh Xerox. Thug creideamh buaidh air is le sin dh’ionnsachadh Diadhachd san Rijksuniversiteit ann an Utrecht bho 1977 gu ruige 1983, is na mhinistear an dèidh làimhe.[2]

Dh’fhàs e ainmeil ann an 2006 tro na meadhanan, nam measg Algemeen Dagblad, Trouw agus Volkskrant, is e a’ dearbhadh nach robh Dia ann, is gur e dìreach 'tachart' a bh' ann Dia. Le sin, fhuair e am far-ainm am ‘Ministear Ana-dhiadhaire’ air feadh na dùthcha. Dh’adhbhraich na beachdan aige ùpraid taobh a-staigh agus taobh a-muigh na PKN.[3][4][5] Chaidh sgrùdadh a chur air dòigh aig ìre sgìreil, ach cho-dhùin an Eaglais ann an Zeeland nach biodh e idir freagarrach càin a leigeil air. Air an 24 an t-Ògmhios 2009 thuirt Nederlands Dagblat gu do dhearbh A’ Chlèir ann an Zierikzee nach do rinn Hendrikse coire idir air bun-chreideamhan na h-Eaglaise.[6] Ann an 2010 dh’fhoillsich seanadh na PKN aithisg mun chùis Hendrikse, a dh’innis gu robh àite gu leòr am broinn na h-Eaglaise airson beachdan dhen a h-uile seòrsa is nach dh’fhaodamaid a mhìneachadh a h-uile càil mun dheidhinn Dia. A dh’aindeoin sin, dhearbh an aithisg gun do chreideadh am PKN ann an Dia na Trianaid.[7]

Còmhdachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Nam bheachdsa fhìn, chan e beatha a th' ann an Dia, ach facal airson na dh’fhaodadh a thachairt eadar na daoine.

[8]

Leabhraichean[deasaich | deasaich an tùs]

  • Geloven in een God die niet bestaat. Manifest van een atheïstische dominee, Nieuw Amsterdam Uitgeverij, Amsterdam, ISBN 978-90-468-0308-0
  • God bestaat niet en Jezus is zijn zoon, Nieuw Amsterdam Uitgeverij, Amsterdam, ISBN 978-90-468-1134-4

Tuilleadh Leughaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Inkpotgenootschaft
  2. ENI
  3. Trouw
  4. Kerk Niews
  5. Staat Geschreven
  6. Nederlands Dagblad
  7. Trouw
  8. God is voor mij niet een wezen, maar een woord voor wat er tussen mensen kan gebeuren.