Kayak

O Uicipeid
kayak mara.
kayak aibhne

'S e bàta beag caol a th' ann an kayak, cuideachd curach fhada. Chaidh a chruthachadh leis na h-Inuit agus 's e facal Inuktitut a th' ann.

An-diugh thèid an kayak a chleachdadh air aibhnichean is air a' mhuir, agus tha diofar sheòrsaichean is mheudan ann. Mar as trice cleachdaidh aon duine an kayak, ach gheibhear cuideachd feadhainn airson dithis. Bithear a' cleachdadh aon ràmh le dà phleadhaig. Tha e diofraichte bhon chanù, leis gu bheil e nas ìsle agus dùinte, fhad 's as e bàta fosgailte a th' ann an canù agus cleachdar aon ràmh sìmplidh.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]