Juan Antonio Mon y Velarde

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Ìomhaigh Antonio Mon y Velarde ann am Medellín

'S e riochdair cumhachd co-àiteachail na Spàinne ann an Aimearaga-Laideannach a bh'ann Juan Antonio Mon y Velarde (An Spàinn, 1747 - 1790). Bha e na Riochdair Coitcheannail na h-Obrach Poblach anns An Spàinn ùr, Britheamh co-àiteachail na h-èisdeachd Rìoghail ann an Guadalajara, ann am Meagsago agus an dèidh sin ann am Bogotá, ann am 1778.

Ann an 1784 chaidh e a dh'ainmeachadh Reachair Rìoghail air Antioquia, ann an Coloimbia. Fad an riaghaltas aige, chaidh an lagh a stèidheachadh a-rithist, an siostam ceartas a chur air bhog, agus cìsean air an deòch làidir "aguardiente", an fheòladaireachd agus air a' thombac a chur air dòigh. Leasaich e an siostam còmhdhail, bhrosnaich e na mèinnean, an àiteachas agus gabhail thairis is clàradh laghail an fhearrain. Stèidhich e sgoiltean, ospadalan, pìoban-uisge fo thalamh, taighean-spaididh poblach agus drochaidean air feadh na h-Antioquia agus ann am Medellín.