Joseph Smith Jr

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Joseph Smith

Rugadh Joseph Smith Jr air 23 An Dùbhlachd 1805 agus bhàsaich e air 27 An t-Ògmhios 1844. Is esan a stèidhich an gluasad Eaglais Ìosa Chrìost de Naoimh an Latha mu Dheireadh, ris an canar cuideachd Mormonism anns a' Bheurla. Le sin b' e duine cudromach a bh' ann a thaobh poileataigs agus creideimh anns na 1840an. Thòisich e air creidmhich a chruinneachadh às dèidh dha aingeal a shealltainn dha truinnsearan òir a mhìnich ceilidh Ìosa aig na tùsanaich Ameireaganach. Ann an 1830 dh'fhoillsich Smith Leabhar Mhormoin (Book of Mormon) bho phìos a chunnaic esan mar eadar-theangachadh de na truinnsearan sin. San aon bhliadhna stèidhich e Eaglais Chrìost.