Inbhir Moireasdan
| Inbhir Moireasdan | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | Alba |
| Ceàrn | Loch Abar |
| Sgìre | Comhairle na Gàidhealtachd |
| Co-chomharran | 57° 12′ 57.43″ Tuath 4° 37′ 6.83″ Iar |
| Comharradh-clèithe | NH420167 |
| Feartan fiosaigeach | |
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Inbhir Moireasdan (Beurla: Invermoriston). [1] Tha e suidhichte air an rathad A82 far a bheil an gobhal-rathaid leis an A887. Tha Cille Chuimein mu 6 mìltean 14 (km) san àird a deas. Tha an Abhainn Moireastan a' sruthadh tron bhaile, tha inbhir na h-aibhne ann an Loch Nibheis faisg air. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 12′ 57.43″ Tuath agus 4° 37′ 6.83″ Iar.
Ann an Inbhir Moireasdan tha taigh-òsta ann leis an ainm Glenmoriston Arms a chaidh a thogail anns na 1800an. Roimhe sin bha taigh-seinnse ann far an do stad Samuel Johnson agus James Boswell air an turas aca air a' Ghàidhealtachd ann an 1773. Tha oifis a' phuist ann cuideachd, taigh-bidh agus cuid bùthan. 'S e sealladh tarraingeach don luchd-turais a tha ann an eas Abhainn Moireastan. Tha seann drochaid thairis air an abhainn a chaidh a thogail ann an 1813 le Thomas Telford airson na bailtean Druim na Drochaid agus Cille Chuimein a cheangal. Ged a tha an drochaid caran briste san latha an-diugh tha i làidir gu leòr fhathast don luchd-coiseachd.
Cruth an ainm [deasaich]
Thèid an t-ainm Inbhir Moireasdan a chleachdadh air na soidhnichean rathaid ach a-rèir Ainmean-àite na h-Alba bu chòir "Inbhir Moireastan" a bhith ann, ainm a leanas riaghailtean GOC.[2]
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-àite", Pàrlamaid na h-Alba, duilleag 66
- ↑ Ainmean-àite na h-Alba - Inbhir Moireastan
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH420167
- Gazetteer for Scotland - Inbhir Moireasdan
- Undiscovered Scotland - Inbhir Moireasdan