Inbhir Ghòrdain

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Port Nach Breacaidh ann an Inbhir Ghòrdain

'S e baile anns a’ Ghàidhealtachd a tha ann an Inbhir Ghòrdain no An Rubha (Beurla: Invergordon). [1] A-rèir Iain Mhic an Tàilleir b' e Rubha Nach Breacaidh an seann ainm a bha air a' bhaile.

Tha am baile suidhichte air bruach Chaolais Chrombaidh, tha Cromba air an taobh eile dhen chaolas. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 41′ 16.51″ Tuath agus 4° 9′ 25.34″ Iar.

Tha port-mara aige ris an canar Port Nach Breacaidh. Is e Inbhir Ghòrdain am port as trainge ann an Albainn airson shoithichean luchd-turais[2].

Anns a' bhliadhna 2001 bha 3,890 duine a' fuireach an seo. [3]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH7141768471

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 66, Pàrlamaid na h-Alba
  2. BBC Alba (2014-03-20): Inbhir Ghòrdain am port as trainge
  3. Scotland's Census Result OnLine