Hunzahúa

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Iomhaigh Mhuisca

‘S e fear dhe na cinn-fheadhna Muisca ainmeil, neo (Zaque), a bh’ ann Hunzahúa.[1] Nuair a bha esan os cionn na rìoghachd, b’ urrainn dhàsan an cumhachd a mheadhanachadh ann an Hunza (Tunja an latha an-diugh). Fiù ’s leig e ainm dhan bhaile, leis cho cudromach ‘s a bha e. Dh’aontaich e creideamhan agus cànan nam Muisca. Bha am fearann bho Chicamocha gu Sutagaos fo bhuaidh Hunzahúa.[2]

Nochdaidh e gu tric ann am miotas a’ bhaile. Tha am beul-aithris a' mìneachadh dhuinn gu robh gaol aige air a' phiuthair Noncetá, ach am peacadh-collaidh toirmisgte ann an lagh nam Muisca.[3] Theich an dithis còmhla, a-rèir am miotas, agus tionndaidh iad gu clachan ann an uamh mar pheannas airson an eucoir a rinn iad.[4]

Ro-Theachdair:
Goranchacha
(Amannan a’ Miotais)
Zaque à Hunza
Fear-ionlaid:
Michuá
(Amannan a’ Miotais)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Leabharlann Luis Angel Arango
  2. Universidad Distrital Francisco José Caldas
  3. Fiosrachadh a' Chomhairle
  4. Proactiva Tunja

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]