Hildesheim

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Hildesheim
Vlag ontbreekt.svg Wappen Hildesheim.png
gun bhratach Gearradh-arm
no Seula
Casa Gremial.jpg
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Niedersachsen
Sgìre Hildesheim
Co-chomharran 52° 9′ 0″ Tuath
9° 57′ 0″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 92.96 km²
Àireamh-shluaigh 103,288 (2008)
Dlùths 1,111.1/km²
Àireamh fòn + 49-5121
Duilleag oifigeil www.hildesheim.de

Is e baile-mòr ann an Niedersachsen a tha ann an Hildesheim. 'S e aon de na bailtean as sine ann an Niedersachsen. Tha e cliùiteach air sgàth 's gu bheil dà Làrach Dhualchas na Cruinne ann.

Suidheachadh a' bhaile[deasaich | edit source]

Tha Hildesheim suidhichte mu 30 km san iar-deas Hànobhar agus mu 20 km san earra-thuath Salzgitter. Tha an abhainn Innerste a' ruith tron bhaile agus tha na Giesener Berge (Beanntain Ghiesen) faisg air. 'S e seo na co-chomharran aige: 52° 9′ 0″ Tuath agus 9° 57′ 0″ Iar.

Ann ann 2008 bha 103.288 duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin. [1]

Tha Hildesheim a' gabhail a-steach 10 sgìrean:

  • Achtum-Uppen
  • Bavenstedt
  • Drispenstedt
  • Einum
  • Himmelsthür
  • Itzum
  • Marienburg
  • Neuhof / Hildesheimer Wald / Marienrode
  • Ochtersum
  • Sorsum

Àitichean ainmeil[deasaich | edit source]

Thòisich am baile timcheall air 800 mar sgìr'-easbaig a chaidh a chur air bhonn le Tearlach Mòr. Thoghadh a' chiad cathair-eaglais an seo ann an 872 a chaidh a leudachadh ann an 1000. Tha Hildesheim aon de na bailtean as sine ann an Niedersachsen, mar sin tha mòran seann togalaichean eachdraidheil rim faicinn an-diugh. Tha dà eaglaisean dìonta leis an UNESCO mar Làrach Dhualchas na Cruinne.

  • Michaeliskirche (Eaglais Naomh Mhìcheil): Chaidh a togail ann an 1010-20 anns an stoidhle "romanic". Mar sin tha i coltach ri dùn le ballachan làidir agus turaidean. Canar Gottesburg (Dùn Dhia) ris an àite eaglais.
  • Hildesheimer Dom (Cathair-eaglais Hildesheim) a chaidh a thogail anns an 9mh linn. A-rèir beul-aithris bha an t-àrd-rìgh Ludwig der Fromme a’ sealg an-dèidh fiadh geall, ach chaill e e, agus cha b’ urrainn dha dol air ais o chionn gun do chaill e an slighe cuideachd. Chrom e sìos, chuir e am fuidheall a bha aige, air ròsag agus rinn e ùrnaigh. Ann an uine nach robh fada chaidh a shabhaladh. Ach cha b’ urrainn dha am fuidheall a’ toirt air ais, bha e a' glaodhadh leis an ròsaig. Smaoinich Ludwig gur e sanas Dhia a th’ ann agus thog e eaglais air an àite seo ann an 872.
    Chaidh an eaglais a bhriseadh gu tùr anns an Dàrna Cogaidh, agus bha an ròsag, a bha fhasthat a’ fàs air balla na eaglaise airson 1000 bliadhna, loisgte. Ach cola deug as dèidh sin thòisich an ròsag a’ fàs a-rithist, agus bha muinntir Hildesheim a' creidsinn gur e soidhne Dhia a tha gus ath-thòiseachadh a-rithist. An-diugh 's e iomhaidh Hildesheim a tha anns an Ròsag Hildesheim a tha 1000 bliadhna a dh'aois. [2]
    Am broinn na h-eaglaise tha ionmhasan fiach fhaicinn, m.e: am Bernwardssäule (Stob Bhernward) no am Bernwardstür (Doras Bhernward), deagh pìosan làimhsachadh umha bho àm Easbaig Bernward (993-1022)

Daoine ainmeil[deasaich | edit source]

  • St. Bernward, easbaig Hildesheim
  • Naomh Godehard, cuideachd St. Gotthard, easbaig
  • Jakob Guttmann (1845–1919), Rabbi Iùdhach agus feallsanaiche
  • Julius Guttmann (1880–1950), Rabbi Gearmailteach is Palastaineach agus feallsanaiche Iudhach
  • Sir Hans Adolf Krebs, a bhuannaich an Duais Nobel ann an Leigheas ann an 1953
  • Oskar Schindler (1907–1974), chaochail e ann an Hildesheim (Tha am film Schindler's List a' dèiligeadh ris.)

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | edit source]

  • Flag of France.svg Angoulême[3]
  • Flag of Egypt.svg El Minia
  • Flag of Russia.svg Gelendzhik
  • Flag of Germany.svg Halle (Saale)
  • Flag of Indonesia.svg Padang
  • Flag of Italy.svg Pavia
  • Flag of England.svg Weston-super-Mare

Dealbhan[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Cunntas-shluaigh Niedersachsen
  2. Barrachd fiosrachaidh air Ròsag Hildesheim
  3. Annuaire de France

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: