Henry Dieckhoff

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Bha An t-Athair Henry Cyril Dieckhoff (Ruisis: Генрих Кирилл Дикхофф) (1869-1950) 'na mhanach agus 'na chànanaiche Ruiseanach a bha a' fuireach ann an Abaid Chille Chuimein a-mach o 1891.[1] Rugadh e ann am Moscobha agus bha athair 'na aoghaire Lutheranach ach chuir e seachad cuid mhath dhe òige sa Ghearmailt a chionn 's gun robh a mhàthair 'na Caitligeach is cha b' urrainn dhaibh fuireach san Ruis tuilleadh.[2] Chaidh e dhan oilthigh ann am Berlin agus fhuair e an t-òrdugh naomh gun chead o na h-ùghdarrasan Ruiseach agus ri linn sin, b' fheudar dha teicheadh às an Ruis agus thàinig e a Shasainn an toiseach agus a dh'Alba an uairsin far an d'fhuair e fàilte mar bhràthair ann an Abaid Chille Chuimein ann an 1891.[2] Fhuair e inbhe sagairt sia bliadhna an dèidh sin ann an 1897.[2]

Abaid Chille Chuimein

Dh'ionnsaich e Gàidhlig ann agus rinn e sgrùdadh mionaideach air Gàidhlig Ghleanna Garradh a dh'fhoillsich e san fhaclair aige A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic.[3] Thug e bliadhnaichean 'ga sgrìobhadh eadar 1920 agus 1932.[2] Tha am faclair seo annasach a chionn 's gu bheil fuaimneachadh de gach facal ann, chan ann san tuiseal ainmearach a-mhàin ach san tuiseal ghinideach cuideachd a thaobh nan ainmearan.

B' fheudar dha na dotairean a leth-chas a thoirt dheth ann an 1947 agus cha b' urrainn dha coiseachd an dèidh sin. Thòisich e air sgeul a bheatha a sgrìobhadh an uairsin is chaochail e ann an 1950.[2]

[deasaich] Tùsan

  1. http://www.corbie.com/Monks.html Comann Seann Sgoilearan Sgoil Abaid Chille Chuimein
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 2.4 Boy from Moscow on Catholic Herald 11 dhen Lùnastal 1950
  3. Dieckhoff, H. A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic (1932)


Luchd-cànanachais na Gàidhlig
Ogham letter uilleann.svg
Michael BauerCarl BorgstrømAnndra Mac a' CheàrnaighRichard CoxHenry DieckhoffNancy DorianNils HolmerWill LambCoinneach MacFhionghuin
Alasdair MacGilleBhàinGòrdon MacGilleFhinneinMagne OftedalRoibeard Ó MaolalaighMáirtín Ó MurchúTomás Ó RathaileElmar TernesRoy Wentworth
Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan