Henrik Larsson

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Larsson a cluich airson Barcelona

'S e Henrik Larsson MBE (b. 20 an t-Sultain, 1971 ann an Helsingborg) cluicheadair ball-coise bhon an t-Suain. Thoisich e air a chluich ball-coise aig aois 17 airson an sgioba Högaborg anns an t-Suain agus an uairsin ghluais e gu Helsingborg IF agus Feyenoord. Ann an 1997 ghluais e gu Celtic bho Feyenoord airson mu £650,000. Chuir e seachad seachd bliadhna ann an Glaschu agus anns an àm sin fhuair e 242 tadhal ann an 315 gèam. Ann an 2004 dh'fhàg e Celtic airson FC Barcelona. Cha robh e a' cluich cho tric an sin ach fhathast fhuair e 12 tadhal ann an 33 gèam agus anns an gèam mu dheireadh aige rinn e an dà thadhal aig Barcelona an aghaidh Arsenal anns an final de Cupa na Roinn-Eòrpa ann am Paris ; a' chiad fhear airson Samuel Eto'o agus an dara fear airson Julian Belletti. Ann an 2006 thill e do Helsingborg IF leis an teaghlach aige airson cluich dhan sgioba leis an robh e mar òganach.