Guatavita (Cundinamarca)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Guatavita
140px Escudo guatativa.jpg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
MunsCundinamarca Guatavita.png
Sealladh air a' bhaile
Guatavita.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Colombia.svg Coloimbia
Roinn Flag of Cundinamarca Department.svg Cundinamarca
Sgìre Guavio
Àirde 2680m
Teodhachd 14˚
Co-chomharran 04° 56' 10' Tuath
73° 50' 06' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 247 km²
Àireamh-shluaigh 6,685 (2005)
Dlùths 27.06/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Guatavita. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 2,680m os cionn ìre na mara agus aig astar dhe dìreach 57km bho Bhogotá, prìomh-bhaile na dùthcha. ‘ S e baile le clìomaid caran fuar a th’ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 14˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1593.

Susbaint

[deasaich] Freumhan an Ainm

Bha an sàr chànanaiche Joaquín Acosta Ortegón dhen bheachd gur e ainm Chibcha a th'ann Guatavita, mar as àbhaist ann an Cundinamarca. Tha e a' ciallachadh Treabhadh Taobh Thall a' Chnuic bho trì faclan ann an Chibcha: Gua – Ta - Vita.[3]

[deasaich] Sluagh a' bhaile

Tha 6,685 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, neo 4,914, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin ‘s e pàtran àireimh-shluaigh traidiseanta a th’ann fhathast ann an Guatavita.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Guatavita, ach tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 92.5% dhe na daoine ann am Guatavita leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 19.1% dhe na dachannan.[6]

[deasaich] Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Guatavita. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

[deasaich] Ceanglaichean A-mach

[deasaich] Iomraidhean

  1. Mapa na Roinnean
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Guatavita Indígena
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Colombia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia
Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile