Guasca
Guasca
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn | |||||
| Sgìre | Sabana Centro | ||||
| Àirde | 2710m | ||||
| Teodhachd | 13˚ | ||||
| Co-chomharran | 04º 51' 59' Tuath 73º 52' 34' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 346 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 12,442 (2005) | ||||
| Dlùths | 35.96/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Riaghaltas Ghuasca | ||||
' S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann Guasca. Tha e suidhichte aig astar dhe 48km bho Bhogotá, ann an sgìre ris an canar na Tìrean Còmhnard Meadhanach (Spàinntis: Sabana Centro), faisge air Zipaquirá anns na na h-Andes. ‘S e baile le clìomaid fuar a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 13˚, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1600.
Susbaint |
[deasaich] Freumhan an Ainm
Sgrìobh am manach Bernardo Lugo ann an 1616 gur e ainm Muisca a bh' ann Guasca. Tha am facal a’ ciallachadh baile aig bun a’ cnuic, bho gua (cnoc).[3]
[deasaich] Sluagh a' bhaile
Ged a tha 12,442 nan tàmh anns a' bhaile, tha a' mhòr-chuid, 8,442 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, 's e pàtran àireimh-sluaigh traidiseanta a th' ann.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Guasca (is mòran dhuibh mestizos). Chan eil Tùsanaich ann, ach tha 0.6 % dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 93.3% dhe na daoine ann an Guasca leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 35.7% dhe na dachannan.[6]
[deasaich] Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Guasca. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
[deasaich] Daoine Ainmeil
Mariano Ospina Rodríguez (1805 - 1885): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1857 agus 1861.