Gruagach

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Gruagach

Bhiodh a' Ghruagach ri faicinn feasgar a' ruith 's a' dannsadh am measg na sprèidh. Bhiodh brèid fhada, rìomhach mu h-amhaich.

Air a' Ghàidhealtachd, dhòrtadh gach tè a rachadh don bhuaile tonn math de bhainne ann an toll ann an clach mhòr a chum 's gum faigheadh a' Ghruagach deoch bhainne. Mura dèanadh, cha bhiodh deur bainne aig a' chrodh anns a' mhadainn.

Anns an Eilean Sgitheanach, tha clach dhen t-seòrsa sin ri faicinn fhathast air Cnoc a' Ghruagaich.