Gràdh Geal Mo Chridh'

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e seann-òran Albannach a tha ann an Gràdh Geal Mo Chridh.

Gràdh Geal Mo Chridh'[deasaich | deasaich an tùs]

'S iomadh oidhche fhliuch fhuar
Ghabh mi cuairt 's mi leam fhìn
Gus an d'ràinig mise an t-àit'
Far 'n robh gràdh geal mo chridh'

Bheir mi o hu ho-o
Bheir mi o-o hu o hi
Bheir mi o-hu o-o ho
'S mi fo bhròn 's tu 'gam dhìth

Dhèanainn treabhadh dhèanainn buain
Chumainn suas thu gun strì
'S bheirinn as a' ghreabhal chruaidh
Dha mo luaidh teachd-an-tìr.

Sèist

Ged nach eil sinn fhathast pòsd'
Tha mi 'n dòchas gum bi
Fhad 's a mhaireas mo dhà dhòrn
Cha bhi lòn oirnn a dhìth.

'Se tionndadh ur-nuadh a choisinn sluagh-ghabhaltachd o chionn 25 bliadhnachan a th'anns an leagail so suas. So sios tionndach na's sìne, a dh'fhoillsichear ann an 1917 (no ann an 1909 no ann an 1921, dh'fhaodte; chaidh an cruinneachadh de dh'òrain fhoillseachadh ann an 3 pairtean).

'S iomadh oidhche fhliuch is fhuar
'Ghabh mi cuairt is mi leam-fhìn
Gus an d'ràinig mi'n t-àit’
Far'n robh gràdh geal mo chridh'.

Sèist:Bheir mi òro bhan ho
Bheir mi òru bhan hi
Bheir mi òru o hó
'S mi tha brònach 's tu 'm dhìth


Fada siar air aghaidh cuain
'Se mo dhuan-sa 'chruit mo chridh,
Guth mo luaidh anns gach stuadh
'Ga mo nuallan gu tìr.

Sèist

Is tu m'òige is mo rùn,
Mo re-iùil thu anns an oidhch',
Tha mo dhrùidheachd ad' shùil,
Tha mo chuireadh ad' loinn.

Sèist

'Na mo mheoirean cha robh ceòl
'S 'na mo chlàrsach cha robh àgh,
Rinn do phòg-sa mo leòn
'S fhuair mi eòlas air dàin.

Sèist

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]