Goranchacha

O Uicipeid
Goranchacha
neach
Gnèfireann Deasaich

B’ e mac na grèine Xué agus nighean a’ Chinn-fheadhna Gachetá a bh’ann an Goranchacha. Thathar ag ràdh gu robh e mar smàrag mhòr, ach tha feadhainn eile dhen bheachd gu robh e coltach ri Chía ann am Miotas nam Muisca.[1] Nuair a bha e 24 bliadhna a dh'aois, thoisich e a dhol mun cuairt air feadh Dùthaich nam Muisca is e a’ sgaoileadh a cuid theagaisg aig Bochica. Le sin dh’fhàs e a bhith na fhiosaiche, airson a chuid ath-leasachaidhean creideimh a rinn e.

An latha a bha seo, fhuair e fios gun do leig ceann-fheadhna ann an Ramiriquí càin air fear-leanmhainn aige. Chaidh e dìreach gus a’ bhaile sin, prìomh-bhaile nan zaque aig an àm, airson an connspaidiche a chur gu bàs. Ghabh e an Rìoghachd os làimhe, chuir e deachdaireachd air dòigh agus steidhich e a phrìomh-bhaile ann an Hunza (Tunja an latha an-diugh). Thog e Teampall na Grèine an siud is dh’òrdaich e caismeachd gus athair urramachadh.[2]

Tha am beul-aithris a’ mìneachadh gu robh tòrr shearbhanta aige agus bha earball bheathaich air fear dhuibh, Chacha. Bha Goranchacha cho earbsach air Chacha, ach aon latha thuirt esan gun tagradh mòran rudan fuathmhor is le sin dh’fhalbhadh e airson corra bhialdhna. Dh’fhàg e am baile, dhùin Goranchacha callaid a’ bhaile agus cha robh sgeul nas motha air Chacha a-chaoidh.

Ro-Theachdair:
Duine sam bith
(Amannan a’ Miotais)
Zaque à Hunza
Fear-ionlaid:
Hunzahúa
(Amannan a’ Miotais)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Fiosrachadh a' Chomhairle
  2. Leabharlann Luis Angel Arango

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]