Goilear

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Is e a tha ann an goilear an mir de inneal smùid sònraichte ri cruthachadh an stoth (smùid) a dh'iomanas an inneal. Cruthachar an stoth le goileadh uisge, mar sin an t-ainm.

Tha goilearan air a bhi deanta do iomadh samhuil ré an tri cheud bhliadhna a chaidh. Is ann an goilear bu simplidh goilear a' phoit: coire duinte ach airson piob a tharruinneas stoth dheth. Cleachdar goilearan den seòrsa seo chun latha an diugh air innealan beaga a theid air reic mar deideagan. Ged a chaidh cleachdadh air goilearan den leithid air innealan-taosgaidh gu deireadh an ochdamh linn deug, chan eil goilearan mòr den samhuil seo eifeagachd.

Tha comas goilear a chruthaich stoth a reir meud a h-aghaidh-bhlathasaidh. Mus am bith aghaidhean gu leòr aig goilearan a tharruinn blàths gu luath às an connadh duibh, dèanar an cuid bu mhòtha de goilearan le feadain-uisge, pioban uisge a ruitheas tro chiste an teine neo le feadain-teine, a tharruinneas gasaichean loisgte on teine, tro roinn an uisge.

Gu ìre mhòr cleachdar goilearan le pioban uisge an ionadan-dhealain a losgas gual. Tha goilearan le iomadh feadan-teine nas lugha airson an cumhachd a libhrigeas iad agus cleachdar iad air innealan-stoith nan rathad-iarainn.

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: