Gobhlan-gaoithe

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Gobhlan-gaoithe
Landsvale.jpg
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Còmhlan Chordata
Buidheann Aves
Òrdugh Passeriformes
Teaghlach Hirundinidae
Gnè Hirundo
Seòrsa H. rustica
Ainm saidheansail
Hirundo rustica Linnaeus, 1758
Ainmean eile
Hirundo erythrogaster

'S e eun beag a th' anns a' Ghobhlan-ghaoithe (Laideann: Hirundo rustica, Beurla: swallow). Lorgar air feadh na h-Eòrpa, Àisia, Afraga agus Aimeireaga i. Aithnichear air a h-earr ghobhlaich i, agus a sgòrnan dearg.

Gobhlan-gaoithe
Hirundo rustica

Imrich[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an gobhlan-gaoithe a' teachd do cheann tuath na cruinne aig toiseach an earraich nuair a tha an latha a' fàs fada agus an aimsir blàth. Aig deireadh an fhogharaidh, nuair a tha an latha a' fàs goirid agus an aimsir fuar, imrichidh i gu leth-chruinn a deas.

Beagan roimh dhaibh falbh, cruinnichidh iad ann an àireamh mhòr air mullach thaighean no àitean àrda eile, cuiridh iad an cèill an rùn do a chèile, agus nì iad deas airson an turais do thìr fad air astar. Air dhi leth-chruinn a tuath fhàgail, stiùiridh i gu dìreach air an t-slighe a dh' ionnsaigh Afraga, Aimearaga a Deas agus eadhon Astràilia, far am bheil an aimsir blàth, agus cuileagan pailt; agus fanaidh i an sin gus an tèid an geamhradh seachad, agus gus an tig blàths agus teas le teachd an earraich.

'S e is adhbhar dha bheil an gobhlan-gaoithe ag imrich deas gum bheil na cuileagan a' bàsachadh nuair a tha an geamhradh a' teachd dlùth, agus do bhrìgh gur ann orra seo a tha i a' tighinn beò, tha claonadh nàdarra ga treòrachadh a dh' ionnsaigh nan tìrean sin.

Àite-còmhnaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an gobhlan-gaoithe a' dèanamh a nid de chrè agus de làthaich; agus tha a nead am bitheanta air a togail ri cinn thaighean, no ann an oisinn nan uinneagan.

Beathachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an gobhlan-gaoithe a' glacadh chuileagan agus bheathaichean beag sgiathach eile, nuair a tha i air iteig anns na speuran, agus leotha sin tha i ga beathachadh fhèin, agus a' beathachadh a h-àlaich.

Co-fhulangas[deasaich | deasaich an tùs]

Tha iomadh nì aithnichte mu thimcheall nan gobhlan-gaoithe a tha feuchainn dhuinn gu soilleir gum bheil co-fhulangas aca do thrioblaidean càch a chèile, agus gum bheil fhios aca dè an dòigh air an nochd iad an co-fhulangas seo.

Chualas iomradh air nead a' tuiteam bho oisinn na h-uinneig san do thogadh i, agus gobhlanan-gaoithe a' cruinneachadh cuideachd gus nead eile a thogail sa cheart àite anns an robh a' chiad nead.

Chualas naidheachd cheudna air gealbhonn a' dol a-steach do nead a' ghobhlain-ghaoithe nuair a bha i air falbh a' solarachadh lòin dhith fhèin. Bha fearg ro mhòr air a' ghobhlan-ghaoithe seo gun do chuir i an cèill do chàch agus thàinig iad nam mòr-àireamh le crè nan guib. Dhùin iad suas an toll a bha san nead, agus dh' fhàg iad an gealbhonn an sin gu bàsachadh a dhìth bìdh agus àile.

Ceangal a-mach[deasaich | deasaich an tùs]


Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: