Glaschu Ceilbhinn (Sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
Chan e seo an aon rud ri Glaschu Ceilbhinn (Sgìre Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte)
Is e aon den 73 Sgìrean Pàrlamaid na h-Alba a bhios gach a' taghadh aon Bhall-Pàrlamaid na h-Alba le siostam àireamh bhòtaichean as motha a tha ann an Glaschu Ceilbhinn. Tha e na phàirt den Roinn-Phàrlamaid na h-Alba Glaschu, aon den 8 Roinnean-Pàrlamaid na h-Alba a bhios gach a' taghadh seachd Bhall-Pàrlamaid na h-Alba le siostam riochdachadh co-roinneil.
Tha an sgìre na laighe gu tuath air Abhainn Chluaidh, a' còmhdaichte Pàrtaig an taobh an iar, Ceilbhinn a Tuath an taobh a tuath, Townhead an taobh an ear agus na ceàrnan eatorra. Tha e a' còmhdaichte nan uàrdan Baile Aindrea/Am Baile agus Ceann a' Chnuic buileach agus phàirtean de na uàrdan Pàrtaig a Tuath agus An Canàl.
Tha teis-meadhan Ghlaschu anns an sgìre seo, còmhla ri Gailearaidh is Taigh-tasgaidh Kelvingrove, a' chathair-eaglais agus na trì oilthighean Ghlaschu, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Srath Chluaidh agus Oilthigh Ghlaschu Cailleannach. San fharsaingeachd 's e sgìre nas beartaiche anns a bhaile a tha innte. Aig àm a' chunntais-sluaigh ann an 2001 bha 65,625 daoine a' fuireach ann, 2.03% dhiubh a' bruidhinn Gàidhlig[1] (chaidh crìochan na sgìre beagan air an atharrachadh bhon àm sin ge-tà).
Buill Phàrlamaid na h-Alba [deasaich]
- 1999–2011: Pauline NicNèill, Pàrtaidh Làbarach na h-Alba
- 2011–làthaireach: Sandra NicIlleBhàin, Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Glaschu Cheilbhinn air làrach-lìn Phàrlamaid na h-Alba
- BPA Ghlaschu Cheilbhinn làthaireach, Sandra NicIlleBhàin, air làrach-lìn Phàrlamaid na h-Alba