Glaschu

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Glaschu, Alba)
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Glaschu
Vlag ontbreekt.svg Glasgow Coat of Arms.png
gun bhratach Gearradh-arm
no Seula
Glasgow (Location).png
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Srath Chluaidh
Co-chomharran 55° 51′ 28.8″ Tuath
4° 15′ 32.4″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 3,298 km²
Àireamh-shluaigh 580,690 (2007)
Dlùths 176.07/km²
Àireamh fòn 0141
Duilleag oifigeil Comhairle Cathair Ghlaschu

'S e am baile as motha ann an Alba a th' ann an Glaschu [ˈɡ̊ɫ̪as̪əxu] (Beurla: Glasgow, Albais: Glesga no Glesca), agus 's e aon de na 32 ùghdarrasan ionadail na h-Alba a tha ann (ged as e Dùn Èideann am prìomh-bhaile na dùthcha). Tha an t-ainm air a fhreumhachadh bho glas + cu, a' ciallachadh "sloc glas/gorm" anns a' Bhriothannais.[1][2] Tha e suidhichte ann an taobh an iar na h-Alba air Abhainn Chluaidh ann an Srath Chluaidh. Chaidh a stèidheachadh anns an 6mh linn leis an Naomh Mungo (ris an canar Kentigern cuideachd) aig an àite far a bheil a' chathair-eaglais (a thòisich air a togail anns an 12na linn) an diugh.

Tha an dàrna oilthigh as sine ann an Alba anns a' bhaile (bho 1451, an ceathramh as sine anns a' Bhreatainn). Le còmhdhail tombaca, gàrraidhean-iarainn agus gnìomhachas eile, bha An Dàrna Cathair san Ìompaireachd ("The Second City of the Empire") air Glaschu aig deireadh 19mh linn. Chaidh gnìomhachas trom anns a' bhaile a chrìonadh gu mòr aig deireadh an fhicheadamh linn, ach dh'èirich leas-gnìomhachas, m.e. roinn ionmhasail, turasachd agus coimpiutaireachd, agus fhuair rannsachadh ann an 2005 gun rob làn-thoradh dùthchail gach pearsa nas motha anns an Rìoghachd Aonaichte dìreach ann an Lunnainn agus Dùn Èideann.[3]

Susbaint

[deasaich] Ceàrnan

San eachdraidh bha a ciad tuineachadh Ghlaschu suidhichte timcheall air Àrd Eaglais Ghlaschu, High Street agus Abhainn Chluaidh. Bha crìochan Ghlaschu ag atharrachadh corra uairean. Chaidh Comhairle Cathair Ghlaschu a chuir air bonn anns a' bhliadhna 1996.

[deasaich] Meadhan na Cathair

Tha crìochan Meadhan na Cathair ris an High Street san àird an ear, ri Abhainn Chluaidh san àird a deas agus ris an M8 san àird an iar-thuath. Chaidh an M8 a thogail anns a' bhliadhna 1966.

[deasaich] Staitistearachd

Tha coimhearsnachd mhòr Ghaidhealach ann an Glaschu agus canar feadhainn gur e Baile nan Gaidheal a th' ann. Tha barrachd air 1,749,154 ann an sluagh Ghlaschu le gu-leòr a bharrachd a' fuireach aig oir a' bhaile. Tha pàirt mhòr de muintir na Gàidhlig (eadar 10,000 agus 15,000) a' fuireach ann an, no mu chuairt air, Glaschu.

Suidheachadh Àireamh-shluaigh Ceàrnaidh Dùmhlachd
Glaschu[4] 578,790 67.76 sq mi (175 km²) 8,541.8/sq mi (3,298/km²)
Greater Glasgow Urban Area[5] 1,168,270 142.27 sq mi (368 km²) 8,212.9/sq mi (3,171/km²)
màthair-adhbhar: Scotland's Census Results Online[6]

Tha Glaschu dòchas-beatha beag airson cathair ann An Rìoghachd Aonaichte aig 72.9 bliadhna.

[deasaich] Giùlan

Sràid na Banrighinn

Tha siostam mòr giùlan ann an Glaschu. Tha Stèisean-rèile Meadhan Ghlaschu agus Sràid na Banrighinn nam prìomh stèisean-rèile ann an Glaschu. Tha seirbheisean ann bho Chentral Station gu Alba a Deas, Glaschu a Deas agus Sassain agus seirbheisean bho Sràid na Banrighinn gu Alba a Tuath agus Dùn Èideann.

Tha mòran rathaidean mòra ann an Glaschu a tha a' ceangal a' bhaile gu bailtean eile. Tha M8 a' ruith tron a' chathair agus a' ceangal gu M77 (gu Inbhir Àir), M78 (gu deas) agus M80 (gu Sruighlea agus gu tuath).

Tha Glaschu dà Phort Adhair, Port Adhair Glaschu, ann an iar a' bhaile, a' ceangail Alba a Tuath le Sassain, Èirinn, Eòrpa, An Ear Mheadhanach agus Aimearaga-a-Tuath agus Port Adhair Phreastabhaig, 29 mìltean air falbh bho Ghlaschu agus tha ann an Siorrachd Inbhir Àir-a-deas.

[deasaich] Foghlam

'S e Oilthigh Ghlaschu aon de na h-oilthighean as aosta is as motha a tha anns an Rìoghachd Aonaichte
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Tha ceithir oilthighean ann an Glaschu:

'S e Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an t-aona àrd-sgoil Ghàidhlig ann an Alba. Tha bun-sgoil cuideachd anns an sgoil.

[deasaich] Na Meadhanan

Prìomh-oifis STV ann am Pacific Quay

Tha Glaschu na dhachaigh airson mòran mheadhanan a tha ann an Alba. Tha BBC Scotland agus STV suidhichte ann an Glaschu.

Tha na pàipearan-naidheachd An Herald agus an Daily Record suidhichte ann an Glaschu cuideachd.

[deasaich] Daoine Ainmeil

[deasaich] Bailtean Co-cheangailte

[deasaich] Iomraidhean

  1. Iain Mac an Tàilleir (2003)
  2. Ainmean ¬aite na h-Alba
  3. Edinburgh UK's second most prosperous city. An t-Albannach, 3 an Cèitean 2005.
  4. "Land area and population density, by administrative area: 30 June 2005" (Microsoft Excel). General Register Office for Scotland. A' tarraing air 2007-07-09.
  5. Graham Pointer. "Focus on People and Migration" (PDF). A' tarraing air 2007-07-09.
  6. www.scrol.gov.uk/. "2001 Census". A' tarraing air 2007-07-09.
  7. Annuaire de France

[deasaich] Ceanglaichean a-mach

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:


Innealan pearsanta
Namespaces

Tionndaidhean
Gnìomhan
Seòladh
Clò-bhuail/às-phortaich
Bogsa-innealan
Ann an cànain eile