Glaistig

O Uicipeid

Bha a' Ghlaistig eagalach na coltas le com boireannaich agus a' chuid eile na gobhar.

Bha uamhann aig luchd-siubhail an anamoich roimpe.

Bhiodh i a' tàmh mu bhruachan sruthan uisge agus lochan uaigneach.

'S e stic a bh' ann an Glaistig anns an robh mòran de phratan aimlisgeach. Bha cuilbheartan a' toirt àbhachdais do Ghlaistig. Bhiodh i a' cur snaidhmeannan air badan de luachair a bhios a' fàs thairis air na ceuman coise airson a bhith a' leagail nam bodach chòir a bhiodh a' gabhail an rathaid.