Girardot (Coloimbia)
Girardot
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
![]() |
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn | |||||
| Sgìre | Alto Magdalena | ||||
| Àirde | 289m | ||||
| Teodhachd | 33˚ | ||||
| Co-chomharran | 04° 18' 18' Tuath 74° 48' 06' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 129 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 97,834 (2005) | ||||
| Dlùths | 758.4/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile | ||||
‘S e baile meadhanach ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Girardot. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 289m os cionn ìre na mara agus aig astar dhe 134km bho Bhogotá. ‘ S e baile le clìomaid gu math teth a th’ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 33˚ aige, rè na bliadhna. 'S e Girardot an 50mh baile as motha na dùthcha.[3] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1852.
Susbaint |
[deasaich] Freumhan an Ainm
'S e La Chivatera an t-ainm a bha air an sgìre seo o shin, bhon fhacal Spàinntis Chivo (Gobhar).[4] Fhuair am baile an t-ainm Girardot ann an 1852 mar chuimhne air Anastasio Girardot, curaidh às A' Bheiniseala a bha an sàs ann an cogaidhean an aghaidh na Spàinne airson neo-eisimeileachd an Aimearaga-Laideannach.[5] Fhuair am baile Girardota ann an Antioquia ainm mar chuimhne airsan cuideachd.[6]
[deasaich] Sluagh a' bhaile
Tha 97,834 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 3,475 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[7] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Girardot, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 38.8% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 92.5% dhe na daoine ann an Girardot leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 64.1% dhe na dachannan.[9]
[deasaich] Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Girardot. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
[deasaich] Iomraidhean
- ↑ Mapa na Roinne
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Bailtean as motha na dùthcha
- ↑ Real Diccionario de la Lengua
- ↑ Fiosrachadh a' Chomhairle
- ↑ Fiosrachadh Comhairle Ghirardota
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia
