Girón
Girón
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Roinn | |||||
| Sgìre | Soto | ||||
| Àirde | 777m | ||||
| Teodhachd | 28˚ | ||||
| Co-chomharran | 07° 04' 15' Tuath 73° 10' 23' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 475 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 135,791 (2005) | ||||
| Dlùths | 285.88/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile | ||||
‘S e baile meadhanach ann an Santander, Coloimbia,[1] a th’ann Girón. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 777m os cionn ìre na mara agus aig astar dhe 9km bho Bhucaramanga, prìomh-bhaile na roinne. ‘ S e baile le clìomaid teth a th’ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 28˚ aige, rè na bliadhna. 'S e Girón an 34mh baile as motha na dùthcha.[2]Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1631.
Susbaint |
[deasaich] Sluagh a' bhaile
Tha 135,791 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 17,850 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Girón, ach tha 0.6% dhe Rom agus 0.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 92.9% dhe na daoine ann an Girón leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 79% dhe na dachannan.[5]
[deasaich] Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Girón. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
[deasaich] Iomraidhean
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Bailtean as motha na dùthcha
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Colombia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE
- ↑ Country Studies: Colombia