Georg Friedrich Händel

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Georg Friedrich Händel

Ceòladair

Georg Friedrich Händel.jpg

Ceann-Là Bhreithe 23 an Gearran 1685
Àite Bhreithe Halle (Saale) (A' Ghearmailt)
Ceann-Là a Bhàis 5 am Màrt 1759
Àite a Bhàis Lunnainn (Sasainn)
Bean/Fear-Chèile
Meadhan Snìomhadair Ciùil
Stoidhle Ceòl clasaigeach
Làrach-lìn http://www.gfhandel.org

B' e ceòl-sgrìobhaiche ainmeil Gearmailteach a bha ann an Georg Friedrich Händel (Beurla: George Frideric Handel). Rugadh e san 13 an Gearran 1685 ann an Halle (Saale). Nuair a bha e na bhalach òg, bha uidh aige ann an ceòl. Air sgàth 's gun robh e comasach fhuair e oideachas gu math tràth. An dèidh trì bliadhna anns an Eadailt, far an do sgrìobh e a chiad opra, fhuair e obair bho Georg Ludwig von Hannover ann an Hànobhar ann an 1709.

Ann an 1710 chaidh Händel do Shasainn. Ann an 1714 sgrìobh e am "Wassermusik" (ceòl–uisge) airson fàilte a chur do Georg Ludwig a bha na rìgh Shasainn Seòras I a-nise. Chaidh an ceòl a chluich air bàtaichean air an Themse. Ann an 1719 chaidh an Royal Academy of Music a stèidheachadh le Händel na neach-stiùiridh ceòlach. Ach an dèidh 10 bliadhna bha iad briste. Thòisich Händel a-rithist, ann an 1737 dh’imrich e dhan Covent Garden Theatre. Ach anns an eadar-àm dh’atharraich blas na daoine, cha robh mòran uidh aca ann an drama liriceach na bu mhotha. Mar sin thòisich Händel air oratorio a sgrìobhadh, ri am measg am fear as ainmeile: Messiah (1742). Sgrìobh Händel 42 opra, 25 oratorio, agus ceòl de gach sheòrsa mar ceòl caidreimh, ceòl-foireann , duanagan agus cuirm-chiùil anns an stoidhle barocach; m. e. 1749 Feuerwerksmusik (Music for the Royal Fireworks) airson an rìgh Sheòrais II.

Chaochail e san 14 an Giblean 1759 ann an Lunnainn agus chaidh a thiodhlachadh ann am Westminster Abbey.

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: