Galar iomallach na pearsantachd

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Tha galar iomallach na pearsantachd, (air chantainn ri Galar Luaineach na Pearsantachd no Seòrsa Iomallach leis na luchd a cleachdaidh an t-seòrsachaidh a' ghalar den ICD-10 a' Bhuidhinn Shaoghalta na t-Slàinte) 'na chor inntinneach comharraichte le buaireadh leantach na dreuchd na pearsantachd, comharraichte le atharrachaidhean is doimhne neo-àbhaisteach nan seòl. Faodaidh na siùil seo gluasad gu dàrnach ciall agus co-cheanglaichean comannach.

Diagnostic and Statistical Manual[deasaich | deasaich an tùs]

Sònraichidh an Leabhran Breithneachail is Àireamhail nan Galar Inntinneil (on Bheurla Diagnostic and Statistical Manual of Mental Disorders) clò-bhualadh ceathramh, DSM IV-TR = 301.7, 'na leabhran air a chleachdadh gu cumanta airson bhreithneachaidh nan galar inntinneil, galar iomallach na pearsantachd ('san Aisil II Grunnan B) cho:

A) Tha ann cumadh leantach neo-sheasmhachd anns na co-cheanglaichean comannach, dearbh-aithne agus drùidhidhean, cho math ri giùlan spreigearra comharraichte, a' tòiseachadh mus inbheachd mhoch agus an làthair ann an atharrachadh nan cuspair, mar nochdaidh còig (no tuilleadh) nam feart seo:
  1. Oidhirpean air chuthach a sheachnadh trèigeadh fìor no dealbhta. Nòta: Na gabhaibh a-staigh giùlan fèin-mhortach no fèin-mhillteach làimhsichte sa' chuspair-deuchainn 5
  2. Cumadh de co-cheanglaichean comannach neo-sheasmhach is dian comharraichte le sealaidheachd eadar iomaill de foirfeachd is dì-luachadh.
  3. Buaireadh dearbh-aithne: Dearbh-aithne no fèin-aithne neo-sheasmhach comharraichte is leantach.
  4. Giùlan spreigearra ann an dà h-àite co-dhiù gu bheil coltach fèin-mhillteach (mar feis mheasgach, cosgadh caithteach, mì-rianan ithe, mì-ghnàthachadh stuith, stiùireadh coma charbaid). Nòta: Na gabhaibh a-staigh giùlan fèin-mhortach no fèin-mhillteach làimhsichte sa' chuspair-deuchainn 5
  5. Giùlan, maoidhidhean, gluasad-bhodhaig pillteach fhèin-mhortach no giùlan fèin-mhillteach mar geàrradh, a' buntainn leis an leigheas de leòntan (sgrath) no smeanglachadh agaibh fhèin.
  6. Neo-sheasmhachd drùidhidh airson frith-ghluasaid de seòl (mar dubhachas, crosdachd, no iomagain dian air uairibh, gun seas mar as trice beagan uair agus gu h-ainneamh tuilleadh na beagan làithean).
  7. Mothachaidhean leantach na falamhachd
  8. Fearg mì-iomchaidh no duilgheadas anns an smachd na feirge (mar seallaidhean trice feirge, fearg dhaingeann, ionnsaighean corporra pillteach).
  9. Diom-bhuan, smaointean an-amharasach ceangailte ri spàirn, meallaidhean no comharran cruaidhe an sgaraidh.