G. K. Chesterton
| G. K. Chesterton | |
| Fiosrachadh | |
| Rugadh | |
| Bàs | |
| Obair | litreachas |
| Cànan | Beurla |
| Linn | 19mh linn, 20mh Linn |
| Gluasadan | Paradacs |
| Creideamh | Caitligeach |
Bha G. K. Chesterton (29 an Cèitean 1874 – 14 an t-Ògmhios 1936) am measg nan sgrìobhadairean Sasannach a bu thorraiche agus a bu bhuadhaiche ron Chogadh Mòr. Tha e ainmeil mar fear de na sgrìobhadairean a b' e a b' fheàrr air cleachdadh paradacsan.
Bha e a' sgrìobhadh nobhailean (m.e. The Napoleon of Notting Hill, 1904, no The Flying Inn, 1914), bàrdachd, beath-eachdraidhean (m.e. mu dheidhinn Charles Dickens), aistean feallsanachd agus artagailean ann am pàipearan-naidheachd (chaidh mòran dhiubh foillseachadh ann an cruinneachaidhean mar The Defendant, 1901, All Things Considered (1908) no Tremendous Trifles, 1909). Ge-tà, tha e as ainmeile an-diugh airson nan sgeulachdan fir-rannsachaidh le "Father Brown", sagart Caitligeach agus fear-rannsachaidh neo-dhreuchdail. (Chaidh Chesterton iompachadh na Chaitligeach.) Sgrìobh e còig cruinneachaidhean de na sgeulachdan sin, agus a bharrachd air sin grunn sgeulachdan fir-rannsachaidh gun Fhather Brown.