Fuath

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Bha am Fuath no a' Bhaobh coltach ris am Bhampair.

'S e creutair, no deamhan a bh' ann a bhuineadh don t-saoghal eile. Bhiodh e ag òl fuil a' chuspair air an robh e an tòir. Thigeadh e ga ionnsaigh na chadal agus stobadh e a' bhiodag na chridhe, no ghearradh e a chuisle, gus an sileadh an neach ceudna am boinne deireannach fala gun dùsgadh às a shuain bith-bhuain.

Bha dòigh ann airson a char a thoirt às an Fhuath nam faiceadh neach a' tighinn e air a' bhlàr a-muigh is e ann an riochd usp no uilebheist.

Chuairticheadh fear-siubhail e fhèin gu luath leis a' Chaim. (Cearcall a bhiodh daoine a' cur orra fhèin an àm gàbhaidh no cunnairt).

Cha robh aig aon ach seasamh anns a' bhad san robh e agus samhla cearcaill a tharraing timcheall air le a bhata air an talamh agus cha robh cumhachd olc sam bith a b' urrainn a ruighinn a taobh a-steach don riomball.

Bha na draoidhean a' cur a muinighin gu làidir ann an Dia na grèine. Tha a' ghrian a bheir buaidh air cumhachdan an dorchadais a' ruith a rèis ann an cearcall agus mar sin bha an cearcall na nì ro èifeachdach nan creideamh.