Francisco Herrera Y Campuzano
O Uicipeid
'S e Riaghladair agus Britheamh co-àiteachail Spàinnteach a bh'ann Francisco Herrera y Campuzano.
Stèidhich e tuinneachadh ann an El Poblado, faisge air Medellín, prìomh-bhaile na Roinne Antioquia ann an 1616, fhad's a bha e na bhritheamh ann an Santa Fe de Antioquia, prìomh-bhaile roinneil aig an àm. Chaidh an tuinneachadh a ghluasad dhan àite far a bheil Medellín an latha an-diugh. Tha El Poblado a' ciallachadh An Tuinneachadh anns an Spàinntis.
Chaochail e ann am Meagsago, is esan na Bhritheamh co-àiteachail an siud.