Feannag

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
feannag

Is e a tha ann an feannag, stiall uire de fearann ann an achadh, ann an cruth de torr isle fada, Anns an siostam aiteachas ris an chanar an mor-earran neo roinn-ruithe, cha bhiodh ach dha neo tri achaidhean mora aig baile-fhearrann agus bhiodh gach achadh roinnte eadar geadan fada, ris an chanar feannagan. B'e an modh aiteachais traideasanta a bhi comhnaidh a'tionndadh an uir mu coinneamh meadhan na fheannagan agus as deidh bliadhnaichean mora den aiteachas seo fhas druman air na feannagaibh. Dh'fhag sin seorsa claise dreanaidh eadarra. Chan eil an mor earran ri lorg anns an latha an diugh ach ann am baile croitearachd neo dha. Tha eisimplirean aig an Drum Buidhe agus a' Chomraidh ( ann an Ros an Iar) agus air Eilean Diura. Tha oirlinn de seann fheannagan agus an mor-earran ri fhaicinn cuideachd ann an iomadh aite. Mar eisimplir anns an Eilean Sgitheanach air sleibhtean iochdar Beinn Thianabhaig.

Feannagan taomaidh[deasaich | edit source]

Is e an cruth fheannaig bu chumanta am feannag taomaidh Sonraichte ri fas nam buntata, deanar iad le roinneadh an iomaire buntata (lann nam buntata) do stiallaibh 5 troigh anns an leud. Comharraichear an roinneadh air an talamh (a tha mar is trice fo fheoir ro-laimhe) le sreang sinte, agus susar (gearrar) loidhne tro an fhod air fad na sreanga le cas-dhireach (neo spaid). An uairsin cuibhrichear stiall, 3 troigh (0.9m) anns an leud sios meadhan gach feannag le feumainn. As deidh sin, cleachdar cas-chrom (neo spaid) a thionndaich ploc, troigh (0.3m) anns an leud thairis air an fheumainn, gach taobh den loidhne susaidh. Mar sin bithidh torran uire, troigh anns an leud air gach taobh den fheannag, agus eadar an da torran stiall fheumainn, ris an canar an taomadh. Eadar na feannagan, a tha 0.9m anns an leud, tha claisean 0.6m anns an leud. Cuirear pòr buntata,le pleadhag. mar is tric aig astar de 15 oirleaich (0.4m) eadar am pòr air fad an fheannag. Far a bheil na feannagan air an togail air uir mona, faodaidh do na claisean eadar na feannagan a bhi suas ri 0.6m anns an domhainn.