Fàirlidh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Fàirlidh

'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath a tha ann am Fàirlidh. Tha am baile suidhichte air còrsa an ear Linne Chluaidh. Chithear Arainn agus Cumaradh Mòr bhon an seo. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 45′ 37.44″ Tuath agus 4° 51′ 14.76″ Iar.

Anns a' bhliadhna 2001 bha 1,510 duine a' fuireach an seo. [1]

Rugadh agus thogadh William Fife (1857-1944) ann am Fàirlidh. Bha e ainmeil airson sgothan-seòlaidh a chruthachadh is a thogail. Bha cuid dhiubh a' gabhail pàirt anns an America's Cup, co-fharpais seòlaidh.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Scotland's Census Result OnLine

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]