Eva Amaral

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Eva María Amaral Lallana

Ceòladair

Eva Amaral.jpg

Ceann-Là Bhreithe 4 an Lùnasdal 1972
Àite Bhreithe Zaragoza (An Spàinn)
Ceann-Là a Bhàis Fhathast beò
Àite a Bhàis
Bean/Fear-Chèile
Meadhan Guth, Giotar
Stoidhle Ceòl Rock agus Indie
Làrach-lìn http://www.amaral.es/

‘S e seinneadair, ceòladair agus snìomhadair ciùil às An Spàinn a th’ ann an Eva María Amaral Lallana neo dìreach Eva Amaral (Zaragoza 4 an Lùnasdal 1972).[1] Tha i a’ gabhail òran san Spàinntis is i ag obair ann an stoidhle rock neo indie.[2] Bho 1992 tha i air a bhith an sàs anns a’ chòmhlan chiùil Amaral, còmhla ri Juan Aguirre. ‘S ann à Cáceres ann an Extremadura a bh’ ann a h-athair , a chaochail ann an 1998.[3] Bhàsaich a màthair, Carmen Lallana, ann an Zaragoza fhèin ann an 2007. Cha do chòrdadh idir leotha gum biodh an nighean an sàs ann an saoghal a’ chiùil, ach mu dheireadh thall chunnaic iad nach biodh sin idir cho dona.[4] Tha piuthar mhòr aice cuideachd. Mar a thuirt Eva: “’S e ise a sheall na clàran a rinn The Beatles agus Simon and Garfunkel dhomh”.[5]

Clàran[deasaich | edit source]

  • 1998: Amaral
  • 2000: Una Pequeña Parte del Mundo
  • 2002: Estrella de Mar
  • 2005: Pájaros en la Cabeza
  • 2006: El Comienzo del Big Bang
  • 2008: Gato Negro, Dragón Rojo
  • 2009: Granada
  • 2009: La Barrera del Sonido
  • 2011: Hacia lo Salvaje

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Musicódromo
  2. El Mundo
  3. El Periódico de Extremadura
  4. Psychologies
  5. El País