Eurabol

O Uicipeid
Eurabol

Cidhe aig Eurabol
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn A' Ghàidhealtachd
Sgìre Cataibh
Co-chomharran 57° 54′ 0″ Tuath
3° 58′ 48″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh ~300 (tuairmse)
Àireamh fòn 01862

'S e baile air a’ Ghàidhealtachd a tha ann an Eurabol (Beurla: Embo).[1] Tha am baile suidhichte anns an t-siorrachd traidiseanta Cataibh mu dà mhìle air àird a tuath Dòrnaich. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 54′ 0″ Tuath agus 3° 58′ 48″ Iar.

Tha timcheall air 300 duine a' fuireach an seo. Tha na stèiseanan as faisge mu 10 mìltean air falbh ann an Baile Dhubhthaich agus ann an Goillspidh.

Thàinig ainm a' bhaile às an t-Seann-Lochlannais agus tha e a’ ciallachadh "tuathanas cladaich" (beach farm). A-rèir Iain Mhic an Tàilleir is dòcha gun robh ainm eile air: "Ethenboll" leis an ciall "Eyvind’s farm". Bha am baile ainmichte fon ainm "Eurabol nan coileagan" cuideachd. [2]

Rinn Nancy Dorian, cànanaiche às na Stàitean Aonaichte rannsachadh mu ìre na Gàidhlig aig na daoine na bha a' fuireach an seo. Bha an rannsachadh aice a' sealltainn gun robh nas motha na 100 duine às na 300 duine a' cleachdadh Gàidhlig mar cànain làitheil ann an 1964.[3]

Mar chleas-fhollasaidh dh'ainmicheadh Eurabol neo-eisimeileachd ann an 1988. Tha Kaunakakai ann an Hawai'i na bhaile-chèile Eurabol gu neo-oifigeil.[4]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Embo/Eurabol”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 24mh dhen Iuchar 2016.
  2. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 46, Pàrlamaid na h-Alba
  3. East Sutherland Gaelic: The Dialect of the Brora, Golspie, and Embo Fishing Communities, 1978, Dublin Institute for Advanced Studies
  4. INDEPENDENT STATE OF EMBO/KAUNAKAKAI - EMBO'S TWIN(Beurla). Dornoch Historylinks Image Library. Air a thogail 24mh dhen Iuchar 2016.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH 816 928