Elizate

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Elizate ann am Bedoña faisg air Arrasate nach deach 'na roinn-bhaile ach sna 1960an

'S e facal Basgais a tha ann an Elizate airson seòrsa de riaghaltas ionadail tràth a bha ann an Dùthaich nam Basgach. Bha e air leth cumanta ann am Bizkaia ach bha feadhainn sna mòr-roinnean eile cuideachd. Tha e a' ciallachadh "doras na h-eaglaise", facal air an fhacal (eliza "eaglais" + ate "doras"). 'S e anteiglesia a chanar ris ann an Spàinntis ("air beulaibh na h-eaglaise") .

Eachdraidh[deasaich | edit source]

Tha an t-ainm annasach seo a' tighinn o ghnàthas nam Basgach far am biodh cinn theaghlaichean ann an sgìre-eaglaise a' coinneachadh aig doras na h-eaglaise as dèidh na seirbheise gus tighinn gu co-dhùnaidhean mu adhbharan mòra na coimhearsnachd. Nochd iad an cois fàs nam Batzar Nagusiak ("prìomh choinneamhan"), gu h-àraid an fheadhainn ann am Bizkaia agus Gipuzkoa (rud air a bheil Juntas Generales de Vizcaya/Guipúzcoa sa Spàinntis) agus stèidheachadh eaglaisean sna sgìrean-eaglaise. Bhiodh gach elizate a' taghadh riochdaire a rachadh dha Batzar Nagusa 's a bhruidhneadh as leth na coimhearsnachd ann. Mar sin dheth, faodar coimhead air na h-elizate mar riochd tràth de dheamocrasaidh ionadail. Bha iad gu math neo-eisimeileach 'nan co-dhùnaidhean o ùghdarrasan na bu mhotha.

Dòigh-obrachadh[deasaich | edit source]

Bhiodh fiel sindiko (fiel síndico sa Spàinntis) aig ceann elizate agus chuireadh am fiel air dòigh coinneamhan 's bhiodh makila aige no aice mar chomharra ùghdarrais. Rachadh an taghadh fad bliadhna mar is trice agus ha grunn dhòighean ann gus a thaghadh. Bhitheadh cuid dhiubh air ainmeachadh leis an t-seann fiel, uaireannan bhiodh an dreuchd sin a' dol mun cuairt gach tuathanach san elizate agus bhiodh an tuathanach mu dheireadh a phòs 'na fiel uaireannan. Ged a bhiodh iad fireann mar is trice, a chionn 's gun robh cead aig boireannaich oighreachdan a ghabhail os làimh ('s iad 'nan cinn-tuathanais mar sin), bha feadhainn dhiubh ann a bha boireann.

Bha gach elizate 'ga roinneadh ann an aonadan na bu lugha air an robh kofradiak (cofradías sa Spàinntis, "bràithreachasan"). Bha buidheann de elizate 'na merindad.

Dh'fhàs cuid mhath dhiubh 'nan roinntean-baile. Bhathar ag ràdh Lur Laua (Tierra Llana no "talamh rèidh" sa Spàinntis) riutha aig àm Tighearnas Bizkaia (Bizkaiko Jaurerria sa Bhasgais, Señorío de Vizcaya sa Spàinntis), an coimeas ris na bailtean agus chaidh an ceangladh a-steach san rianachd mun àm sin cuideachd. Bha iad fo shaoirse nam Fuero a bha a' daigneachadh uachdranachd nan tuathanach. 'S e rud àraidh, annasach a bha sin oir 's ciall dha gur ann aig na tuathanaich a bha an talamh am measg nam Basgach aig an àm sin, an coimeas ris a' chorr dhen Roinn-Eòrpa a bha fo bhuaidh an t-siostaim fhiùdalaich.

Chan eil cus dhiubh air fhàgail às dèidh linntean de dh'atharrachadh poileataigeach, leis an dà elizate as ainmeil ann an Iurreta agus Derio.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  • Kasper, M. Baskische Geschichte Primus: 1997
  • Trask, L. The History of Basque Routledge: 1997

Faic cuideachd[deasaich | edit source]

  • Cùirt an Uisge ann am València aig nach eil ceangal dìreach ris na h-elizate ach a chumas coinneamhan aig doras na h-eaglaise cuideachd.

Ceanglaichean dhan taobh a-muigh[deasaich | edit source]