El Cerrito

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
El Cerrito
View of Mount Diablo and CA Highway 24 from Lafayette Heights.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of the United States.svg Na Stàitean Aonaichte
Ceàrn Contra Costa
Sgìre Flag of California.svg Calafòrnia
Co-chomharran 37° 54 57' Tuath
122° 18 42′ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 9.55 km²
Àireamh-shluaigh 23,549 (2010)
Dlùths 2,465.86/km²
Àireamh fòn +1 (310/510)
Duilleag oifigeil http://www.el-cerrito.org

‘S e baile air an àirde an iar Nan Stàitean Aonaichte a th’ ann an El Cerrito. Tha an t-ainm a’ ciallachadh An Cnoc Beag sa Ghàidhlig, bho dhà fhacal Spàinntis: Cerro (Cnoc) agus -ito (-ag). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1906, le fògarraich a bha a’ teiche Crith-thalmhainn Shan Francisco. Tha e suidhichte aig 267m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh a’ Chuain Shèimh, anns an stàit Calafòrnia, air iomall Shan Francisco. Tha am baile 3,905km air falbh bho Washington, D.C. (Prìomh-bhaile na dùthcha), 564km bho Los Angeles, 2,969km bho Chicago agus 2,790km bho St. Louis.[2] Tha 23,549 duine a' fuireach anns a’ bhaile. Chaochail an Ceimeagair Edwin Mattison McMillan an seo ann an 1991.

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Mongabay
  2. Distance Calculator

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]