Eisleben

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Lutherstadt Eisleben

Is e baile beag gearmailteach a tha ann an Eisleben. Tha e na laighe ann an Iar dheas Sagsainn-Anhalt faisg air na beanntan Harz. Tha 21.000 daoine a' fuireach an seo. Tha Eisleben cliùiteach o chionn’s Màrtainn Lùtair. Tha na taighean far an do rughadh e agus far an do chaochail e ann fhasthast. Tha iad air an dìon mar dualchas na cruinne leis an UNESCO (còmhla ri Lutherstadt Wittenberg). Mar sin is e Lutherstadt Eisleben (Baile-Lùtair Eisleben) an t-ainm oifigeil a tha air Eisleben.

Taigh-breith Mhàrtainn Lùtair[deasaich | edit source]

Ann an Lutherstadt Eisleben chìthear an taigh far an do rugadh Màrtainn Lùtair. Tha na seòmraichean fhathast anns an aon dòigh mar a bha iad aig àm Lùtair. Tha an t-sràid agus an gàrradh ceangailte ris an trannsa. B’ e seo an t-àite, far am bitheadh na daoine ag obair. An-diugh tha tòrr dhealbh rim faicinn mu Lùtair, a charaid Melanchthon agus Frederick III. Is e taigh-tasgaidh Lùtair a' chiad taigh-taisgaidh anns a' Ghearmailt agus aon de na taighean-taisgaidh as sine air feadh an t-saoghail.

Taigh-bàis Mhàrtainn Lùtair[deasaich | edit source]

Tha an taigh far an do chaochail Màrtainn Lùtair ann an Eisleben cuideachd. An-diugh tha taisbeanadh ann muBhìobaill Lùtair.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | edit source]

Dealbhan[deasaich | edit source]

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | edit source]


Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Stadt Herne
  2. Stadt Memmingen
  3. Annuaire de France
  4. Stadt Weinheim