Eilidh Watt

O Uicipeid
Eilidh Watt
Beatha
Breith Dùn Bheagain, 22 dhen Fhaoilleach 1908
Dùthaich  Alba
Bàs Inbhir Nis, 1996
Àite-adhlacaidh an t-Eilean Sgitheanach
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus neach-teagaisg

B' e sgrìobhadair Gàidhlig a bh' ann an Eilidh Watt (1908-c.1996).

A beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh i anns an Eilean Sgitheanach.[1] Fhuair i foghlum an Àrd-sgoil Phort Rìgh agus an uair sin ann an Oilthigh Ghlaschu.[1]

B' e tidsear a bh' innte anns na Hearadh, am Port Rìgh agus Fìobha.[1][2] As dèidh dhi a dreuchd a leigeil leatha, thill i dhan Eilean Sgitheanach.[2]

Tha i aithnichte mar 'tùs' airson an Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig air loidhne airson trì rudan:

  • lunn-chas
  • à pliùm
  • às an adhar[3]

Obair Sgrìobhaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Sgrìobh i mòran sgeulachdan agus dealbh-chluichean. Thathas a' creidsinn gur i a sgrìobh an àireamh as motha de sgeulachdan goirid ann an Gàidhlig.[4] Tro na 1970an agus na 1980an, cha mhòr gun do nochd iris Gairm gun sgeul le Watt na bhroinn. Sgrìobh i ficsean agus neo-fhicsean. Tha na h-artaigilean neo-fhicsean a sgrìobh i do dh'irisean uile san liosta shìos mar 'aistean'.

Thòisich i sgeulachdan a sgrìobhadh dhan rèidio mu 1950.[2]

Mar Iain Mac a' Ghobhainn, tha stoighle aice a tha pongail, soilleir. Ann an beachd Moray Watson, is iad 'A' Bhàs', 'Ribeanan Dearga', 'Pururaich Cait', agus 'Seumas' cuid dhe na sgeulachdan as fhearr aice.[4] Is e cùisean os-nàdarra cuspair a nochdas gu tric na cuid sgrìobhaidhean.

Clàr-leabhraichean[deasaich | deasaich an tùs]

Cruinneachaidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  • A' Bhratach Dealrach (1972) (Inbhirnis: Club Leabhar) (cruinneachadh de sgeulachdan goirid)
    • ‘A’ Bhratach Dhealrach’, d. 7-22
    • ‘N h-Uird Mhóra’, d. 23-41;
    • ‘Litir an Lagha’, d. 42-50;
    • ‘Ach ‘na Dhùthaich Fhéin’, d. 51-63;
    • ‘Bha Duilleagan air Chall’, d. 64-76;
    • ‘Adhaircean Mhóra’, d. 77-93;
    • ‘An Neochiontach’, d. 94-117;
    • ‘Snathad Bheag an Uair Sin Snathad Mhór’, d. 118-127.
  • Latha a' choin duibh; agus, Ipilidh sgeulachdan (1972) (Inbhirnis: Club Leabhar). [na dealbhan le Seumas Donn] (sgeulachd chloinne)
    • ‘Latha a’ Choin Duibh’, d. 1-35;
    • ‘Ipilidh’, d. 37-47
  • Gun fhois: Sgeulachdan mun Dà Shealladh (1987) (Edinburgh: Macdonald Publishers) ISBN: 0863340601
    • chan eil tiotalan air na sgeulachdan ach àireamhan

Sgeulachdan goirid[deasaich | deasaich an tùs]

  • 'An t-Ogha' (1970) ann an MacDhòmhnaill, Coinneach D. (deas.) Briseadh na Cloiche agus sgeulachdan eile Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, 77-81.
  • 'Aon Fhacal anns an Dus', (1972) Gairm Àir. 78, d.111-116.
  • 'An Reic' (1972) ann an Donnchadh MacGuaire (deas.). Mu ‘n cuairt an Cagailte Inbhirnis: Club Leabhar, 57-63.
  • 'Alasdair Dubh Domhnallach' (1972) ann an Donnchadh MacGuaire (deas.). Mu ‘n cuairt an Cagailte Inbhirnis: Club Leabhar, 73-79.
  • 'An Duine Cumanta', Gairm 1972 Àir. 79, d 205-209.
  • 'An Tacharan', (1972) Gairm Àir. 80 Am Foghar, d. 335-340.
  • 'An Còta', (1973) Gairm Àir. 82 An t-Earrach, d 123-126.
  • 'An Comharradh', (1973) Gairm Àir. 83, d 213-214.
  • 'An-diugh 's An-dè', (1973) Gairm Àir. 83, d 273.
  • 'Solus/Solas', (1973) Gairm Àir. 85, d 60-63.
  • 'Anns a' Cheann Thall' (1974) Gairm Àir. 86, d 159-162.
  • 'Fliuch do Shùil', (1974) Gairm Àir. 87, d 233
  • 'An Ìobairt', (1974) Gairm Àir. 88, d 353-357.
  • 'Bannan', (1974) Gairm Àir. 89, d 13-18.
  • 'Calman Geal', Gairm 1975 Àir. 90, d 155-160. (cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm d.44-49.)
  • 'An Cumhnant' (1975-6) Gairm 93, d 11-16.
  • 'An Tè-leasachaidh', Gairm 1976 Àir. 95, d 239-242.
  • 'Far-ainm', Gairm 1976 Àir. 96, d 310-314.
  • 'Curstaidh', Gairm 1977 Àir. 99, d 257-261.
  • 'Buadhach is Sgriost', Gairm 1977 Àir. 101, d 23-26.
  • 'Ribeanan Dearga', Gairm 1978 Àir. 103, d 275-276.
  • ‘Teine a Loisgeas’ (1979) ann an Amannan : Sgialachdan Goirid [Duneidinn]: U & R Chambers, d. 17-27.
  • ‘An t-As-Creidhmeach’ (1979) ann an Amannan : Sgialachdan Goirid [Duneidinn]: U & R Chambers, d. 95-100.
  • 'Sligean Falamh', Gairm 1979 Àir. 106, d 121-125.
  • 'Seonaidh na Theinn', Gairm 1979 Àir. 108, d 333-338.
  • 'Dà Ìomhaigh', Gairm 1980 Àir. 110, d 176-180.
  • 'Sinne na Fir A-nis', Gairm 1980 Àir. 111/112, d 280-284.
  • 'Lorgaidh an Uair an Duine', (1981) Gairm Àir. 114, d 136-138.
  • 'Dìleas', (1981) Gairm Àir. 115, d 249-254.
  • 'Duine Beag is Duine Mòr', (1981) Gairm Àir. 116, d 308-313.
  • 'Cha B' Ann Mar Seo a Bha Iad Air TBH (TV)', (1981) Gairm Àir. 117, d 41-44.
  • 'An Ceathramh Fear', (1982) Gairm Àir. 119, d 219-223.
  • 'Puraraich Cait', (1982) Gairm Àir. 118, d 130-134.
  • 'Mur B' e', (1982) Gairm Àir. 120, d 337-341. (cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm d.75-80.)
  • 'An Dèidh-làimh', (1982-83) Gairm Àir. 121, d 33-37.
  • 'A' Tighinn Gu Cala', (1983) Gairm Àir. 122, d 111-116.
  • 'Roghainn', (1983) Gairm Àir. 123, d 232-236.
  • 'Na Màthraichean', (1983-84) Gairm Àir. 125, d 61-65.
  • 'Car eile 'n Adhairc an Daimh', (1984) Gairm Àir. 126 An t-Earrach, d 159-163.
  • 'An Seot', (1984) Gairm Àir. 128 Am Foghar: 354-358.
  • 'Cha Chreach Thu Nead na Smeòraich', (1984) Gairm Àir. 129 An Geamhradh, d 28-32.
  • 'Ainm a' Chiad Ghille', (1985) Gairm Àir. 132 Am Foghar, d 335-338.
  • 'Crìochan', (1985) Gairm Àir. 133, d 47-52.
  • 'Bràithrean', (1986) Gairm Àir. 135, d 248-255.
  • 'Seumas', (1987) Gairm Àir. 141, d 71-86.
  • 'Roghainn', (1988) Gairm Àir. 143, d 260-263.
  • 'An Neo-dhàimheil', (1989) Gairm Àir. 146, d 124-127.
  • 'Mordo Beag', (1990) Gairm Àir. 151, d 270-275.
  • 'Seann Cleasan is Cleasan Ùra', (1990) Gairm Àir. 153, d 19-22.
  • 'Duilleag air a Sèideadh leis a' Ghaoith', (1992) Gairm Àir. 158, d 141-147.
  • 'Is Toigh Leis an Fheannaig', (1993) Gairm Àir. 164, d 319-332.
  • 'Bacan air a' Chluais Chlì---, (1994) Gairm Àir. 167, d 203.
  • 'An Spìonadair', (1995) Gairm Àir. 170, d 183-185.
  • 'Peataichean?' Gairm 1976 Àir. 97, d 44.

Aistean[deasaich | deasaich an tùs]

  • 'A' Bhàs' (1971) Gairm Àir. 75, d 217-220.
  • 'Oighreachd a Thathas a' Call', Gairm 1972 Àir. 79, d 259-260
- aiste mu fhaclan is abairtean air an robh i eòlach na h-òige.
  • 'Meallag agus Iuchair' (1975) Gairm 92: 358:359.
- aiste air ithe éisg
  • 'Fluich do Shùil' (1974) Gairm 87: 233-6.
- aiste mu creideamhan mu sùilean
  • 'Fàinneachan', Gairm 1971 Àir. 77, d 49 / No 77, p 49
- carson a bhios neach a' cosg fàinne
  • 'A' Bhròg is Brògan', Gairm 1972 Àir. 78, d 153
- brògan glainne a fhuaireadh ann an uaigh ann an Cologne
  • 'Comhairle don Ghaisgeach is Don Ghealtaire', Gairm 1971 Àir. 75, d 254
  • 'Na Tonnan nar n-Aghaidh', Gairm 1972 Àir. 80, d 363
- eucoir/mì-cheartas an aghaidh mhnathan agus chloinne. Am Merchant of Venice
  • 'Coigreach', Gairm 1972 Àir. 81, d 43
- Fionnlagh MacCuing a rugadh 's a thogadh ann an Hiort, 's a chaochail ann am Fìobha.
  • 'Sgiathan an Dealain-dè', Gairm 1973 Àir. 84, d 313-318.
*'Asal Bhalaam', Gairm 1974 Àir. 89, d 54-58.  
- iomradh air na seann sgeulachdan a bh' aig an Urr. Iain MacAonghais ann an "Buidseachd is Dìomhaireachdan Eile" agus cho math 's a chòrd iad ris an sgrìobhaiche.
  • 'Meallag agus Iuchair', Gairm 1975 Àir. 92, d 358
- biadh - na h-Eileanan Siar - iasg - ceann cropaig - sgadan msaa.
  • 'Cisteachan-laighe', Gairm 1976 Àir. 94, d 123
  • 'Daoradh an Fhearainn', Gairm 1976 Àir. 94, d 161
  • 'Tha na Clachan Balbh', Gairm 1978 Àir. 105, d 41
- cainnt a sinnsearan, à Gleann Dail, san Eilean Sgitheanach; Barpannan/Barpa msaa.
  • 'Buaidh an Fhacail', Gairm 1980 Àir. 111/112, d 247-248
- sinnsireachd agus càirdean a' tighinn air chèilidh o thaobh thall an t-saoghail.
  • 'An Saoghal Mun Cuairt Dhuinn', (1980) Gairm Àir. 113, d 32
  • 'Euchdan Mòra a dh'Aom: Criomagan bho Eachdraidh Chloinn Mhic Asgaill', (1983) Gairm Àir. 124, d 347
  • '?' (1984) Facal air an Fhacal Àir. 2 An t-Earrach 1984, d. 44-46.
- bruidhinn mu a cuid obrach mar sgrìobhadair

Ann am Beurla[deasaich | deasaich an tùs]

  • Some personal experiences of the second sight (1989) ann an Hilda Ellis Davidson (deas.) The Seer in Celtic and Other Traditions Edinburgh: John Donald ISBN: 978-0859762595

Mu a sgrìobhaidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  • MacThòmais, D. (1987-8) 'Review of Gun Fhois ' Gairm Àir. 141, d.90.
  • Watson, Moray (2011) An Introduction to Gaelic Fiction Edinburgh: EUP d.81-82 & d.141-142.

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 1.2 MacDhòmhnaill, D. (deas.) (1970) Briseadh na Cloiche Glaschu: Oilthigh Ghlaschu d.84
  2. 2.0 2.1 2.2 Gaelic Literature of the Isle of Skye: an annotated bibliography (accessed 3 Ogmhìos 2013)
  3. Liosta Tùsan Stòr-dàta (leughte 3 Ògmhios 2013)
  4. 4.0 4.1 Watson, Moray (2011) An Introduction to Gaelic Fiction Edinburgh: EUP d.81