Eaglais Fheichein
'S e baile beag ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha ann an Eaglais Fheichein (Beurla: Ecclefechan). Tha e suidhichte ann an gleann Mein Water. Tha am baile mu 8 cilemeatair (5 mìltean) gu tuath air Annan agus mu 14 cilemeatair (8 mìltean) air falbh bho chrìoch Shasainn. Tha am mòr-rathaid A74 dìreach gu tuath air a' bhaile. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 3′ 41.59″ Tuath agus 3° 15′ 51.28″ Iar.
Ann an 2001 bha 746 duine a' fuireach an seo. [1]
Rugadh Thomas Carlyle (1795-1881), sgrìobhadair is eachdraiche, ann an taigh ris an canar The Arched House san 4 an Damhair 1795. Ged a dh' fhag e Eaglais Fheichein nuair a bha e 13 bliadhna a dh'aois, bha e adhlaicte ann an cladh Eaglais Fheichein a-rèir am miann aige.
Tha an t-àite-bhrèith fo cùram National Trust for Scotland bho 1936 agus tha e a' tarraing mòran luchd-turais dhan bhaile.
Iomraidhean [deasaich]
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NY 193 749