Eachann Rothach

O Uicipeid
Eachann Rothach
member of the 1st Parliament of the United Kingdom (en) Translate


member of the 16th Parliament of Great Britain (en) Translate


member of the 17th Parliament of Great Britain (en) Translate


member of the 18th Parliament of Great Britain (en) Translate


member of the 15th Parliament of Great Britain (en) Translate


member of the 13th Parliament of Great Britain (en) Translate


member of the 14th Parliament of Great Britain (en) Translate


Commander-in-Chief, India (en) Translate

dhen Iuchar 1764 - dhen Fhaoilleach 1765
Beatha
Breith Siorrachd Rois, 1726
Dùthaich  Alba
Àite-fuirich designed landscape at Novar (en) Translate
Bàs Inbhir Pheofharain, 27 dhen Dùbhlachd 1805
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Àitichean-obrach Lunnainn
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Bhreatainn
Ìre oifigeach coitcheann
Strì An Dàrna Cogadh eadar Breatainn is Mysore
Battle of Buxar (en) Translate
Siege of Pondicherry (en) Translate

Eachann Rothach 8mh Ridire Taigh an Fhuamhair (Beurla: Sir Hector Munro 8th Laird of Novar), seanailear Albannach (1725 - 27 an Dùbhlachd 1805).

An toiseach[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Eachann Rothach mu 1725, agus mar dhuine òg à mion-mheur nan Rothach bha e na shaighdear chumanta air taobh nan Hanobharach an aghaidh nan Seumasach. Aon oidhche, le tuiteamas, shàbhail e Ban-diùc Ghòrdain nuair a bha an gille-greasaidh aice fo mhisg; a rèir choltais chuidich i e coimisean rèisimeideach fhaighinn mar thaing, agus mar sin thòisich an dreuchd fhada ainmeil aige san arm, a' mhòrchuid dhith sna h-Innseachan, gus leas malairt na h-Ìmpireachd (agus an East India Company) a dhìon an aghaidh nam Frangach.

Na h-Innseachan sna 1760an[deasaich | deasaich an tùs]

Mar cheannard a' Bhengal Presidency Army chuidich e ceannairc nan sepoys (saighdearan Innseanach) a chur sios ann an 1764, agus sin gu spraiceil:

"No believer in taking a soft line Munro decided that the only way to deal with the sepoys, whether their grievances were justified or not, was to execute the ringleaders in typical EIC fashion - by tying them to the wheels of a cannon and blowing them apart. He also disbanded the most rebellious native regiment." [1]

Ann an 1765 bhuannaich e a' bhuaidh a bu mhotha aige aig Buxar, anns a bhith a' cur cath-innleachd air leth an gnìomh, le ach 7,000 daoine an aghaidh 40,000 saighdearan Mughal. Leis an airgead-duais leig e dheth an comisean aige agus thill e na ghaisgeach a Bhreatainn, far an do cheannaich e roinn-taghaidh 'Inverness Burghs' ann am Pàrlamaid agus thàinig e a dh'fhuireach aig Taigh an Fhuamhair, a fhuair e mar dhìleab bho uncail.

'Leasachaidhean'[deasaich | deasaich an tùs]

Bho shin a-mach thug e ùine gu 'leasachaidhean' air an oighreachd, mar a bha am fasan aig an àm. Bha am fearann an sin neo-thorrach, gun chraobhan, agus gun mòran chothroman-obrach do mhuinntir na sgìre, agus anns an ath dheichead dh'atharraich Eachann cruth nan taighean agus an fhearainn gu tur, le leasachaidhean-talmhainn agus planntachadh chraobhan (nam measg na ciad learagan san sgìre), agus cuideachd thog e iomadh carragh, teampall agus geata ann an stoidhle "Innseanach" air feadh an oighreachd - rud a chuir iongnadh mòr air na nabaidhean na bu stuaime aige.

Na h-Innseachan sna 1770an agus 1780an[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1777 thill e chun nan Innseachan mar cheannard an airm ann am Madras. An turas seo cha robh a h-uile rud a cheart cho glòrmhor - shoirbhich leis ann am Pondichéry agus Negapatnam, ach thug e mì-bhreith air neart arm mòr Hyder Ali, ceannard Mysore, agus chaill e an cath cudromach aig Conjeeveram. B' e sin adhbhar nàire dha, agus rinn e cron air a' chliù aige.

Taigh an Fhuamhair sna 1780an agus 1790an[deasaich | deasaich an tùs]

Thill e a-rithist a dh'Alba ann an 1782, an turas seo le rud beag nas lugha de dh'airgead-duais, agus thòisich e - mar iomadh uachdaran Gàidhealach eile - caoraich a thoirt a-steach dhan oighreachd, rud a dh'adhbharaich mì-thoileachas am measg an luchd-gabhail a chaill am fearann agus a' bheòshlaint aca - fuadaichean ionadail, mar a bhiodh. Ach bha e mothachail gu follaiseach gum bu chòir dha rudeigin a dhèanamh airson muinntir na sgìre a bha nan èiginn, ged a bhiodh aca ri obair airson an airgid. Chunnaic e cothrom sin a chur air dòigh agus aig an aon àm an cùrsa-dreachd glòrmhor aige sna h-Innseachan a chomharrachadh mar bu chòir. Bha clachan-chuimhne gu leòr aige sgapte air feadh a' chòmhnaird mar-thà; rachadh an tè seo a thogail air a' mhullach a b' àirde den oighreachd - air Cnoc Fhaoighris (1782-83). A dh'aindeoin sin, cha robh an seanailear (a chuir sìos na sepoys cho cruaidh deich bliadhna fichead roimhe) teagmhach idir nuair a bha ar-a-mach beag air an oighreachd ann an 1792, agus fhuair e an t-arm gus a chur sìos.

Cnoc Fhaoighris[deasaich | deasaich an tùs]

Carragh-cuimhne air Cnoc Fhaoighris

Chan eil fhios againn an robh an luchd-obrach taingeal no nach robh, agus chan eil fhios againn nas motha a bheil an sgeul ainmeil fìor dha-rìribh gun do roilig sioft na h-oidhche na clachan sìos an cnoc a thog sioft an latha suas, gus barrachd obrach a chruthachadh. Ach tha fios againn gun robh an carragh-cuimhne air a pheantadh geal bho thùs, agus gu bheil dà charragh-cuimhne nas lugha eile faisg air làimh, air Cnoc Ruadh agus Meann Chnoc, falaichte am measg nan craobhan an-diugh. Bha plana ann an toiseach uile an ceangal ri chèile le balla, ach cha do thachair sin - 's dòcha gun do theirig an t-airgead a-rithist. Thathar ag ràdh cuideachd gur e lethbhreac geataichean baile Negapatnam a th' ann, ach chan eil fìor fhianais de seo ann; tha e nas coltaiche nach e ach togalach eile ann an stoidhle fharsaing "Innseanach" a bh' ann, mar a bha na clachan-cuimhne eile air an oighreachd.

Ge brith dè an fhirinn, mhair an carragh-cuimhne faicsinneach tarraingeach, agus thug iomadh duine ainmeil air tadhail sa Ghàidhealtachd iomradh air, m.e. am bàrd Robert Southey agus am peantair W M Turner (rinn esan sgeidse dheth).

Bliadhnaichean mu dheireadh[deasaich | deasaich an tùs]

Bha dithis mhac aig Eachann Rothach a chaochail roimhe, sna h-Innseachan - chaidh aon dhiubh a mharbhadh le tìgear, am fear eile le siorc. Chaochail Eachann fhèin aig Taigh an Fhuamhair ann an 1805. Chaidh an oighreachd dhan nighean aige, a phòs Ronald Ferguson à Raith, agus dh'atharraich ainm an teaghlaich gu Munro Ferguson, an aon teaghlach aig a bheil an oighreachd an-diugh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. The Scottish Military Research Groupair a tharraing 29.06.2014

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]