Each-uisge (Creutair miotasach)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Each-uisge

'S e creutair miotasach anns na seann faoin-sgeulachdan Albannach a tha ann an each-uisge (IPA: [ɛxˈɯʃgʲə]). Tha na sgeulachdan mu a dheidhinn cumanta anns na h-Eileanan agus air tìr-mòr na h-Alba cuideachd. Tha ceangal ann le beul-aithris ann an Èirinn far an canar Aughisky ris. Tha e coltach mar each-sìth (Beurla: Kelpie) a tha a' fuireach anns na h-aibhnichean. Tha an t-each-uisge a’ fuireach anns na lochan no anns a’ mhuir agus tha e fada nas cunnartaiche na each-sìth.

'S urrainn don each-uisge an coltas aige atharrachadh, bidh e a’ nochdadh mar fear bòidheach, mar each geal no mar pònaidh.

Atharrachaidh an t-each-uisge gu each geal ma bhios luchd-siubhail a’ tighinn gu cladach no bruach loch, uaireannan bidh diollaid agus srianach air. Leis an dòchas gum bi an t-siubhail aige nas fhàsa is nas luaithe leumaidh an luchd-siubhail air muin an eich airson lioft fhaighinn. Bidh e ceart gu leòr, cho fad 's a bhios iad air tìr, ach ma thèid iad faisg air uisge bidh am fear glaodhte gu dròim an eich. Leumaidh an t-each-uisge dhan loch no dhan mhuir agus ithidh e an duine.

Aig cothroman eile bidh an t-each-uisge a’ tionndaidh gu bodhaig daonna mar fear bòidheach eireachdail. Ma bhios caileag òg na suidhe faisg air loch tòisichidh e air bruidhinn rithe, cuiridh e a làmhan timcheall oirre agus bidh e ga suirghe gus am bi i a’ tuiteam ann an gaol air. Uaireannan bidh ise a’ gabhail òrain-gaoil dha agus bidh e a’ tuiteam na chadal. An nuair sin bidh ise a’ cniadachadh an fhuilt aige dìreach airson faighinn a-mach gum bi feamainn fhathast ri measg am falt aige. Cuiridh sin eagal a beatha oire agus ma bhios i a’ coimhead air na casan aige cha bhi ann ach crubhan an eich. Nam b’ urrainn dhi èirigh gun a bhith ga dhùsgadh, ruithidh i air falbh cho luath a ghabhas. [1]

Ach mar is trice meallaidh an t-each-uisge an caileag a’ dol còmhla ris agus chan fhaic daoine i a-rithist gu bràth. Ach uaireannan bidh pìosan bhodhaig ri faighinn air cladach:

Each uisge Ratharsaidh
Bha siod ann uair gobha ann an Ratharsaidh. [...] Agus bha a nighean oidhche ag iarraidh nan caorach, agus cha tànaig i dhachaigh. [...] Agus bha loch ann am mullach Rarsair air an robh an t-each-uisge a` fuireach. Agus thànaig iad a dh’ionnsaigh an loch, agus fhuair iad an cridhe ‘s an sgamhan aig an nighinn ann an cladach an loch. (1859) [2]

A-rèir beul-aithris 's urrainnear an t-each-uisge glacadh is marbhadh. Thèidh a ghlacadh le feòil ròiste. Ma bhios an creutair air a mharbhadh m. e.: "le cromag mhòr dearg às an teallach", atharrachaidh e gu loch no gu pìos mòine no clàbar. Chitear eisimpleir eile ann an "Each uisge Ratharsaidh"

Agus dar a thànaig an là, cha robh ann ach dùn de mhac-samhladh salachar rionnag. [2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Folklore of the Scottisch Highlands Anne Ross, Tempus Publishing Ltd, Gloucester 2000, duilleag 95-96. ISBN 0752419048
  2. 2.0 2.1 More West Highland Tales, Volume 2, J.F. Campbell, Dùn Èideann, 1994, duilleag 12. ISBN 1874744238

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]