Eòrsa

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Loch na Caol - tha Eòrsa sa mheadhan agus Ulbha air a chulaibh

'S e aon de na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Eòrsa. Tha e suidhichte air àird an iar na h-Alba, air àird an iar air còrsa Mhuile ann an Loch na Caol (Beurla: Loch na Keal). 'S e seo na Co-chomharran aige: 56° 28′ 0″ Tuath is 6° 5′ 18″ Iar.

Tha Eorsa mu 122 heactair ceàrnagach de mheud. Tha an t-àite as àirde 98 meatair (321 troigh) os cionn na mara.

Chan eilear cinnteach cò às a thàinig an t-ainm Eòrsa. Anns an 18mh linn chanadh "Orsay" ris. Is dòcha gu bheil an t-ainm ceangailte le "Jorulof-øy" (Seann Lochlannais: Eilean Jorulf) neo ainm goirid airson an fhacail Gàidhlig "àrsaidh".[1] A-rèir Iain Mac an Tailleir tha e a’ ciallachadh "Eilean Traigh".[2]

Iomradh[deasaich | edit source]

  1. Haswell-Smith, Hamish (2008) The Scottish Islands, duilleag 100, Canongate, Dùn Eideann ISBN 9781847672773.
  2. Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 46, Pàrlamaid na h-Alba

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]