Eòlas-sluaigh Mhacau

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Tha sluaigh Mhacau nan 95% Sìneach, an cuid as motha Cantonach agus cuid dhiubh Hakka, an dà chuid a' buntainn do Mhòr-roinn Guangdong. Tha an còrr de shliochd portagaileach, no portagaileach-sìneach measgte. Tha cuid beag de dh' Iapanaich a' fuireach ann, 's iad fhèin à sìol nan Caitligeach Iapanaich a bh' air am fuadachadh le shogunan.

'S iad Portagailis, (gu h-àraidh a crìtheol Macanach, (Patuá no Macaista Chapado), a tha ri beul bàis), agus Sìonais (Mandairinis) nan cànain oifigeil aice, ged a bhios muinntir an àite a' bruidhinn Cantonais sa chumantas. Tha a' Bheurla ga bruidhinn ann an àitichean turasaiche. Tha oilthighean gu leòr ann am Macau.