Duais Nobel ann an Leigheas
O Uicipeid
'S e Duais Nobel ann an Leigheas an Duais as cudromaiche air feadh an t-saoghail airson rannsachadh fìor-mhath anns an leigheas no anns a' bheò-eòlas (Suainis: Nobelpriset i fysiologi eller medicin). 'S e aon de na còig duaisean a chuir Alfred Nobel air bhonn anns an tiomnadh aige ann am 1895 (Ceimeagachd, Leigheas, Litreachas, Nàdar-fheallsanachd agus Sith).
'S e Emil Adolf von Behring a' chiad duine a fhuair a' chiad Duais ann an 1901. Bidh an Karolinska Institute anns an t-Suain a' dèanamh na taghaidhean agus bidh iad a' toirt an duais do na luchd rannsachaidh.
Seo liosta luchd-gabhail Duais Nobel ann an leigheas:
- 1902 - Ronald Ross - airson lorgan mu dheidhinn mailèiria
- 1945 - Alexander Fleming, Ernst Boris Chain, Howard Walter Florey - airson lorg a' phenisilion agus na buaidhean slànachail aige
- 1988 - James W. Black, Gertrude B. Elion, George H. Hitchings - airson lorgan cudromach air leigheas chungaidhean
[deasaich] Ceanglaichean a-mach
- All Nobel Laureates in Medicine – Duilleag oifigeil Nobel Foundation